Scotlands History

Trimontium - Gearastan Ròmanach Newstead

B' e prìomh-àite armailteach nan Ròmanach ann an Alba a deas a bh' ann an Trimontium (trì beanntan), gearastan Ròmanach air leth mòr aig Newstead, faisg air Maol Rois.

Bha e ann an àite cudromach a' coimhead thar Abhainn Thuaidh, agus bha coltas cuibhle air an ionad, le rathaidean a' sgaoileadh a-mach a h-uile taobh. Chaidh an daingneach a thogail 's ath-thogail iomadh uair, agus bhiodh eadar 2000 agus 5000 saighdear a' fuireach sa ghearastan.

Dh'fhàs baile na crìche suas timcheall air an daingnich, baile far am biodh luchd-ceàird, luchd-solair agus luchd-malairt a' fuireach.

Bha na prìomh thogalaichean air an togail ann am pàtran teann taobh a-staigh na daingnich: b' e am 'Principia' a bh' air a' phrìomh-oifis; faisg air làimh bha taigh a' Cheannaird agus taighean nan oifigearan - uile sòghalach le teas fon làr. Bha cuideachd taigh-feachd ann, stòr-gràin le gràin gu leòr a sheasadh fad bliadhna, stàbaill agus talla drile. Chaidh a' bhùth-obrach agus na taighean-ionnlaid a thogail taobh a-muigh na daingnich air eagal 's gum biodh teine ann.

Dh'fhalbh na Ròmanaich à Trimontium mar àite-fuirich cunbhalach mu AD 185.


  • dealbh de armachd Ròmanach a chaidh a' lorg aig Trimontium

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.