English
Bha Ceiltich Linn an Iarainn air feadh Alba a' fuireach ann am bailtean is cruinneachaidhean beaga de thaighean-cruinn is thaighean-cuibhle.
Ann an taobh a deas na h-Alba bha na taighean-cruinn fiodha air an dèanamh le dà bhalla cruinn de luachair no cuilc làidir, le clàbar air a dhinneadh ann agus feur no fraoch mar phlaide eadar na ballachan. Bhiodh puist nan seasamh agus cabraichean a' mhullaich nan laighe orra agus bha am mullach air cumadh còn, air a chòmhdach le seiche bheathaichean no le tughadh. Bha poirdse, le mullach air, a' dìon an dorais a-steach.
Na b' fhaide gu tuath bhiodh ballachan de chlachan aig na taighean-cuibhle, ach bhiodh iad fhathast cruinn ann an cumadh. Am broinn nan taighean-cuibhle bhiodh teine sa mheadhan agus bhiodh an taobh a-staigh air a roinn le ballachan tana, a' dèanamh àitean airson fuireach agus airson stòradh. Bhiodh gàrraidhean cloiche no feansa a-muigh timcheall air na taighean.
Bhiodh muinntir Linn an Iarainn cuideachd a' fuireach ann an crannagan agus ann am bailtean dùnach.
Beagan mu Linn an Iarainn an Alba bho ‘ Archaeolink Prehistory Park’ stèidhichte an Siorrachd Obar Dheathain.
Faic mar a tha arc-eòlaichean a’ smaoineachadh mun dòigh sam faodadh taighean cruinn mòra a bhith air an togail leis a’ bheothachadh seo bho ‘BBC History’.
An urrainn dhut taigh cruinn bho Linn an Iarainn a thogail? Leudaich air an fhiosrachadh a dh’fheumas tu leis a’ ghnìomh eadar-oibre seo bho ‘ National Museums Scotland’.
Faigh a-mach cò ris a bha beatha làitheil coltach ann an Linn an Iarainn leis a’ chuairt air-loidhne seo bho Thaigh-tasgaidh Bhreatainn.
Ionnsaich mu thaighean-cuibhle, seòrsa inntinneach de thaigh Linn an Iarainn, nach eil an àite eile gu seo ach an Innse Gall ’s an Sealtainn.
Find us on