English
Bha Ìompaireachd nan Ròmanach a' sìneadh o Afraga a Tuath, Syria agus a' Mhuir Mheadhan-thìreach gu Germania agus Britannia gu tuath. Bha i a' sgur ann an Alba.
Bha na Ròmanaich air an deagh rianachadh agus air an solar gu math, le airm mhòra nam feachdan agus suas ri 10,000 duine anns gach feachd.
Bha iad a' cur air dòigh laghan gu math cruaidh agus, ged a bha iad a' falbh le mòran thràillean, leig iad le na daoine a ghèill dhaibh a bhith nan luchd-dùthcha aig an Ìompaireachd Ròmanaich. B' e einnseanairean air leth a bha sna Ròmanaich agus thog iad bailtean uabhasach mòr le togalaichean cruinn le raointean annta, 'amphitheatres'. Bha iad a' cur gheamachan air bhonn - a' coimhead nan curaidhean - na 'gladiators' - a' sabaid ri chèile no a' sabaid fhiadh-bheathaichean, glè thric chun a’ bhàis. Thog iad cuideachd claisean cloiche airson uisge, agus leasaich iad achaidhean mòra far am fàsadh iad an torradh a bhiodh a' biadhadh an airm agus muinntir nam bailtean aca.
Air feadh na Roinn Eòrpa bha na Ròmanaich air na Gauls agus na treubhan Gearmailteach a chur fo smachd. Sheòl cabhlach Ròmanach timcheall cost na h-Alba. Rinn iad màrsail gu tuath ach an caisgeadh iad na h-Albannaich dhùthchail agus chaidh a ràdh gun do bhuannaich iad aig blàr gu math mairbhteach aig Mons Graupius mu AD 84.
Thog na Ròmanaich naimhdeil sin sreath de dhaingnichean air an robh an t-ainm Crìoch Ghaisg. B' e seo loidhne de dhùintean fiodha agus de sgrathan, le tùir fhradhairc agus daingnichean beaga a bha a' sgaoileadh thar Druim a' Ghaisg ann an Siorrachd Pheairt. Na b' fhaide gu tuath, bha daingneach fheachdail aca aig Innis Tuathail. Thathar den bheachd gun deach iad seo uile fhàgail falamh nuair a tharraingear na saighdearan Ròmanach air falbh airson a dhol a shabaid air an Dainiub.
Bha na Ròmanaich a' malairt ri treubhan nam Breatannaich gu deas, na Votadini nam measg, ach an cuireadh iad air bhonn sgìre shàbhailte eadar Breatann Ròmanach agus na h-Albannaich 's na Piocaich. Thog an t-Ìompaire Hadrian balla brùideil a bhiodh a' neartachadh crìoch a tuath Ìompaireachd nan Ròmanach. Thòisich togail a' bhalla seo, Hadrian's Wall, ann an AD 122. B' e obair mhòr, mhòr a bh' ann - chaidh sreath de dhaingnichean feachdail agus de thùir a thogail fad 80 mìle Ròmanach a' bhalla. 'S e sin 73.5 mìle no 117 km an-diugh.
Ann an AD 142 thòisich na Ròmanaich a' togail balla eile, an Antonine Wall. Bha seo a' sgaoileadh o Abhainn Fhoirthe san ear gu Abhainn Chluaidh san iar, le tiùrran talmhainn agus bunaidean de chloich is de sgrathan. Ach dh'fhag iad am balla an dèidh dìreach 20 bliadhna. Tharraing feachdan nan Ròmanach air ais air cùl Balla Hadrian. Ach ann an AD 360 ruith na treubhan on tuath thairis air Balla Hadrian agus rinn iad creachadh sa Bhreatainn Ròmanaich.
Ged a bha buaidh aig na Ròmanaich air sgìrean mòra den t-saoghal aca, dh'fhailnich orra buannachadh an aghaidh dhòighean sabaid sgeirmseil nan Albannach 's nan Cruithneach. Mu AD 410 dh'fhàg na Ròmanaich Breatann gu tur. Bha Breatann Ròmanach air seasamh na bu lugha na 500 bliadhna.
Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.
Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.
Èist ri Julius Caesar a' deasbad mun Chogadh Ghallach.
Feuch gnìomhan spòrsa arc-eòlach no rannsaich cuspairean mar Na Ròmanaich le na stòrasan seo bho ‘Archaeology Scotland’ deilbhte airson taic do thidsearan.
A bheil thu treun gu leòr airson feuchainn air rèis charbadan Ròmanach? Cuir deuchainn ort fhèin leis a’ gheama ghluasadach air-loidhne seo bh ‘Channel 4 History’.
Gach nì a tha feumail airson do shlighe a dhèanamh tro Ìompaireachd mhòr nan Ròmanach, a’ seachnadh a spùinneadairean, a plàighean, a teintean, a co-fheallan agus, gu sònraichte, a cogaidhean.
Rannsaich an cruinneachadh dhealbhan seo de nithean dèante agus arc-eòlas Ròmanach.
Faigh a-mach cò ris a bha beatha nan Ròmanach ann an Alba coltach leis a’ phaca-stòrais seo bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba.
Rannsaich na nithean dèante a chaidh a lorg aig an Daingneach Ròmanach an Newstead, Siorrachd Rosbroig.
Cluich na geamachan air-loidhne seo airson tuilleadh fhaighinn a-mach mu na Ròmanaich.
Nas motha na a’ mhòr-chuid de bhogsaichean-iasaid thaighean-tasgaidh, cha mhòr nach e mion thaisbeanadh siubhail a tha san stòras làimhseachail seo anns a bheil mic-samhail a chleachdas do chlas. Air a dheilbh airson feumalachdan thidsearan agus sgoilearan airson Curraicealam airson Sàr-mhathais a lìbhrigeadh.
Notaichean thidsearan airson taic don bogsa làimhseachail Ròmanach – stòras an-asgaidh bho Thaighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba.
Faic taisbeanaidhean is ath-choileanadh beothail eachdraidhe a tha a’ sònrachadh air saighdearan Ròmanach.
Taisbeanadh ‘PowerPoint’ le ìomhaighean didseatach de nithean dèante san Ìompaireachd Ròmanaich. Stòras clas bho Thaigh-tasgaidh Bhreatainn.
Ionnsaich mu chultar na Seann Ròimhe le fiosrachadh is ìomhaighean didseatach bho Thaigh-tasgaidh Bhreatainn.
Rannsaich Rèisean-charbad san t-Seann Ròimh air a’ chuairt air-loidhne seo tro nithean dèante bho Thaigh-tasgaidh Bhreatainn.
Ionnsaich mu shabaidichean na Seann Ròimhe air a’ chuairt air-loidhne seo bho Thaigh-tasgaidh Bhreatainn.
Taisbeanadh ‘PowerPoint’ le ìomhaighean didseatach de nithean dèante bho Ìompaireachd na Ròimhe. Stòras clas bho Thaigh-tasgaidh Bhreatainn.
Taisbeanadh ‘PowerPoint’ le ìomhaighean didseatach de nithean dèante san Ìompaireachd Ròmanaich. Stòras clas bho Thaigh-tasgaidh Bhreatainn.
Tha Taigh-tasgaidh Hunterian ag innse mu làthaireachd nan Ròmanach an Alba sa 1mh is san 2mh linn AD. Ionnsaich mu chrìoch Gàrradh Antonine agus mun bheatha a bha aig na saighdearan stèidhichte ann an daingnichean fad a làraich.
Find us on