Scotlands History

Diathan is ban-diathan Ròmanach

Thug na saighdearan Ròmanach an creideamhan fhèin leotha a Bhreatainn, ag adhradh do dhiathan na Ròimhe, na Grèig agus Phersia. Chaidh ionadan coisrigte beaga a thogail taobh a-muigh nan daingnichean aca, agus chaidh ìomhaighean de Mhàrs, de Dhia a' Chogaidh agus de Mhinerva, Ban-dia a' Ghliocais - na dhà dhiubh mòr aig na saighdearan - a chur suas nam broinn.

Bha seachd deuchainnean cruadail aig luchd-leanmhainn Mithras agus a' chreideimh Mithraic (seann chreideamh aig Ioran aosmhor) ri chosnadh, agus nuair a dhèanadh iad sin, bhiodh tuilleadh nithean dìomhair air a nochdadh dhaibh. Tha leacan-astair air Balla Antoninus a' sealltainn dhiathan is bhan-diathan Ròmanach - Màrs agus A' Bhuaidh Sgiathach.

Bha cuid de na diathan Ceilteach mar Bhreatàinia, air an toirt a-steach cuideachd, agus bhiodh an ionadan coisrigte fhèin aig muinntir Cheilteach Bhreatainn, ionadan ri taobh thobraichean, uillt agus chladhan. Ach mun 4mh linn AD, chaidh na seann diathan a-mach beag air bheag, fo bhuaidh a’ Chreideimh Crìosdail, agus b' e Crìosdachd a thàinig gu bhith na chreideamh oifigeil san Ìompaireachd Ròmanaich.


  • dealbh den ìomhaigh chloiche den bhana-dia Cheilteach Brigantia

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.


Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.

Download the latest flash player
Title
Roman slow dance - lyre and wooden flute

Èist ri dannsa slaodach Ròmanach air a chluich air fairil agus air feadan fiodha.