English
'S dòcha gu bheil am facal Laideann 'Picti' ceangailte ri 'peantadh'. Bha na Ròmanaich a' sgrìobhadh an toiseach mu na Picti ann an 297 AD. Ann an 368 AD sgrìobh eachdraiche Ròmanach, Ammianus Marcellinus:
... tha na Piocaich (Cruithnich), air an roinn ann an dà threubh air a bheil na Dicalydones agus na Verturiones... a' gluasad gu furasta agus a' dèanamh mòr-chreach.
Tha iomadh neach-eachdraidh air ràdh gur e daoine 'air am peantadh' a bha sna Piocaich, no Cruithnich, ainm eile sa Ghàidhlig orra, agus 's dòcha gu robh iad a' peantadh an cuirp agus a' cur tatùthan air an aodannan 's an cuirp le dathan. 'S e an 'Cruithne' an t-ainm Èireannach a bh' air na Piocaich. Bha na Ròmanaich a' toirt 'Picts' air iomadh fear de na treubhan a bh' ann.
Tha cuid de eachdraichean an-diugh a' creidsinn gun do thog na Ròmanaich an t-ainm 'Pecht' no 'Pect' ceàrr. Ann an Seann chànan Lochlannach 's e Péttir, Péttar no Peti a bh' orra. Am measg nan seann ainmean sa Bheurla tha Pehtas agus Peohtas.
Tha na Piocaich ainmeil airson an obair-airgid aca agus airson an leacan snaidhte comharraichte.
Tha bìdeag den chànan aig na Piocaich fhathast air fhàgail, tro dhaoine a thàinig às an dèidh, ann an ainmean àitean Alba a tha a' tòiseachadh le 'Pit' - Pitlochry (Baile Chloichridh), Pittenweem agus Pitsligo, mar eisimpleir. Thathar den bheachd gur e roinn fearainn a th' ann am 'Pit'.
Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.
Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.
Èist ri Veni Redemptor, laoidh na Nollaige bhon 5mh linn, air a' chluich air clàrsach agus 'gemshorn' Chruithnich.
Tha na ceudan bhliadhnaichean air a dhol seachad o bha na Ceiltich, na Cruithnich agus na Lochlannaich an seo ach tha a' bhuaidh aca fhathast sa Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan. Tha stuth ri fhaotainn air a' chuspair seo a dh'fhaodas luchd-teagaisg a chleachdadh sa chlasrum.
Find us on