Scotlands History

Clachan comharraichte Cruithneach

B' e prìomh luchd-ceàird a bha sna Cruithnich. Rinn iad iomadh leac is clach chomharraichte air an snaigheadh gu mionaideach. Bhiodh daoine san là sin a' tuigsinn nan dealbh agus nam figearan a bha snaighte air na clachan. Tro na linntean chaidh tuigse air na comharraidhean sin a chall. An-diugh tha mòran deasbad ann air ciall nan dealbh Cruithneach.

B' e ulpagan mòra garbha a bha sna ciad chlachan comharraichte; na b' fhaide air adhart rinn iad cumadh is uachdar rèidh air na clachan.

Bha na clachan a bu tràithe a' sealltainn bheathaichean air an gràbhaladh annta agus cumaidhean loidhnichean nach fhaicear ach aig na Cruithnich, a leithid a’ chorrain agus na slait-v, nan clàran cearcallach dùbailte, na nathrach agus na slait-z.

Bha clachan nach robh cho sean air an snaigheadh gus an seasadh na deilbh fhìor-obraichte suas bhon chùl-raon. Am measg nan dealbh bha croisean Crìosdail air an snaigheadh agus deilbh on Bhìoball.

Tha sgrìobhadh air feadhainn de na leacan Cruithneach. Cha robh lùb sam bith air gin de na litrichean Cruithneach - air an robh 'ogam' - mar sin bha e furasta an gràbhaladh air cloich. Ach chaidh cànan nan Cruithneach buileach air chall.

Tha barrachd air 250 clachan comharraichte Cruithneach fhathast againn an-diugh. 'S e carraighean-cuimhne a th' annta do sgilean luchd-ealain is snaigheadairean nan Cruithneach, ach 's e dìomhaireachd a tha sna deilbh.


  • dealbh den chlach comharraichte cruithneach Meigle

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.


Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.

Download the latest flash player
Title
Veni Redemptor, longer version - Pictish harp

Èist ri Veni Redemptor, laoidh on 5mh linn le Ambrosius, Easbaig Milan, air a chluich air clàrsach Chruithneach.