English
Bha ceàrdan-airgid nan Cruithneach a' dèanamh seudaireachd iongantach, air a sgeadachadh leis na h-aon chomharraidhean a lorgadh air na clachan comharraichte aca.
Tha slabhraidhean mòra Cruithneach ann a bha dèanta le airgead agus le cuideam de bharrachd air 1.5kg annta. Bha iad air an sgeadachadh le fàinneachan airgid, agus 's dòcha gun deach an dèanamh ach an cuireadh daoin’-uasal no gaisgich orra iad aig amannan sònraichte.
Am measg ionmhas de stuth airgid a chaidh a lorg air Norrie's Law, faisg air an Leargaidh ann am Fiobha, bha bràistean, prìnichean-làimhe agus fàinneachan-cluaise no crochadain, agus na deilbh air an lìonadh le cruan dearg ach am biodh an dealbh air leth cumhachdach. Am measg nan rudan san ionmhas airgid o Ghaulcross, a lorgadh aig Ley ann am Banbh, bha prìnichean-làimhe fìor-sgeadaichte agus bann-gàirdein cearcallach snìomhta.
Lorgadh ionmhas iongantach eile de dh'airgead Cruithneach air Eilean an Naoimh Ninian ann an Sealtainn anns an robh ochd bobhlannan sgeadaichte, spàintean airgid agus 12 bràiste iar-chearcallach airgid òrail. 'S dòcha gun deach an t-ionmhas a chur am falach gus a chumail sàbhailte o chreachadairean Lochlannach. Chaidh a lorg ann am bogsa fiodha air a thiodhlacadh ann an tobhta de chaibeal air Eilean an Naoimh Ninian.
Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.
Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.
Èist ri dannsa Pater Columba air a chluich air clàrsach Chruithneach agus air reacòrdair meadhan-aoiseach
Rannsaich nithean dèante Cruithneach sa chruinneachadh air-loidhne seo bho na Taighean-tasgaidh Nàiseanta.
Ìomhaighean didseatach is fiosrachadh mu ionmhas Eilean an Naoimh Ninian, tasgadh de phìosan airgid sònraichte a thathar an dùil a bhith bho timcheall air AD 800.
Find us on