English
Chaidh carbad na Drochaid Ùire a lorg ann an 2001 nuair a bha iad a' dèanamh cladhach arc-eòlasach faisg air càrn tiodhlacaidh Linn an Umha aig Cnoc Huly, Drochaid Ùr, an iar air Dùn Èideann. Bha an carbad slàn air a thiodhlacadh. 'S e an t-aon charbad o Linn an Iarainn a-riamh a chaidh a lorg ann an Alba. Chaidh aois a lorg le rèidiocàrbon a bhith on 5mh linn RC.
Chaidh tiodhlacaidhean nan carbad o Linn an Iarainn a lorg ann an Sasainn agus san Roinn Eòrpa.
Chaidh a' chladhach a dhèanamh le arc-eòlaichean o Headland Archaeology agus o Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba.
'S e lorg iongantach a tha seo - fear de na lorgan ris nach robh idir dùil, ach a tha ag atharrachadh ar beachdan air làithean aosmhor na h-Alba. Bhiodh carbad mar seo coltach ri Ferrari Linn an Iarainn, agus tha e a' cur nar n-inntinn gu robh cuideigin cudromach air a thiodhlacadh an sin.
Tha an carbad seo gun choimeas ann an Alba agus glè thearc ann am Breatainn fhèin. Chaidh an fheadhainn as coltaiche ris a lorg anns an Fhraing agus sa Bheilg, a' sealltainn cho fada 's a shìn ceanglaichean an latha sin.
Fraser Hunter, neach-cùraim, Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, 2001.
Tha fios ann, a dh'fhàg na Ròmanaich againn, air na h-Albannaich a' sabaid o charbadan-cogaidh aig Blàr Mons Graupius ann an 84 AD:
Bha an nàmhaid, ach am fàgadh e sealladh na bu chumhachdaich, air a shuidheachadh fhèin air talamh àrd; bha a mheadhan air an rèidhlean, fhad 's a bha an còrr den arm ag èirigh ann an cumadh bogha tarsainn sliabh na beinne. Bha fuaim is stàirn agus gluasadan luatha nan carbad agus an eachraidh a' glagraich thar an rèidhlein...
...bha daoine agus eich air an giùlan còmhla ann am buaireas, agus carbadan, gun stiùireadh, agus eich fìor-eagalach gun dhràibhearan, nan ruith far an cuireadh an t-eagal iad, taobh sam bith, no calg-dhìreach an aghaidh nan sreathan.
Tacitus, Agricola
Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.
Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.
Èist ri na sgrìobhaidhean aig an eachdraiche Tacitus, mu ionnsaigh an t-seanalair Ròmanaich, Agricola, air Breatainn. Tha seo ann am Beurla
Find us on