English
Tha cunntas mionaideach air batal mairbhteach eadar na h-Albannaich agus na Ròmanaich air tighinn sìos thugainn bho Tacitus, eachdraiche Ròmanach agus cliamhainn aig Julius Agricola, neach-riaghlaidh Bhreatainn.
...bha daoine agus eich air an giùlan còmhla ann am buaireas, agus carbadan, gun stiùireadh, agus eich fìor-eagalach gun dràibhearan, nan ruith far an cuireadh an t-eagal iad... bha fàileadh na fala ag èirigh on talamh.
Ann an AD 80 bha na treubhan a deas air aibhnichean Fhoirthe agus Chluaidh a-nis fo smachd, ach bha na treubhan a tuath na bu duilghe an ceannsachadh agus bha iad a' bagradh sìth nan Ròmanach - am 'Pax Romana'.
Chaidh Agricola air adhart gu Abhainn Thatha agus chaidh daingneach feachdail airson feachd a thogail aig Innis Tuathail tuath air Peairt. Ann an AD 83 thàinig na 5000 saighdear proifeiseanta san Naoidheamh Feachd uamhannach ('the Ninth Legion') an aghaidh 30,000 Albannaich ann an cath foirmeil aig 'Mons Graupius'. Tha deasbad ann mu fhìor làrach a' bhatail. Am measg nan àitean far am faodadh cath 'Mons Graupius' a bhith, tha Bennachie ann an siorrachd Obar Dheadhain.
Air cho gaisgeil 's a bha ionnsaighean nan carbad agus dànachd phearsanta nan curaidhean, cha sheasadh iad idir ris arm smachdaichte nan Ròmanach; tha Tacitus ag innse dhuinn gun do bhuannaich iar-fheachdan sàr-ionnsaichte am batal, agus an feachd fhèin air a chumail air ais gun a chleachdadh.
Sgrìobh an neach-eachdraidh Ròmanach Tacitus òraid bhàrdail mas fhìor airson Calgacus, ceannard arm nan Albannach, ag ràdh ‘Solitudinem faciunt pacem appellant’ - tha na Ròmanaich ‘a' dèanamh fàsach agus ag ràdh gur e sìth a th' ann’.
Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.
Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.
Èist ri na sgrìobhaidhean an eachdraiche Tacitus, mu ionnsaigh an t-seanalair Ròmanaich, Agricola, air Breatainn.
Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.
Èist ri barrachd den eachdraiche Tacitus, mu ionnsaigh an t-seanalair Ròmanaich, Agricola, air Breatainn.
Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.
Èist ri cùirn cogaidh Ceilteach, air an cleachdadh airson uabhas a chur air an luchd-ionnsaigh Ròmanach.
Criomag bhidio bho ‘BBC Learning Zone’ mu mar a bhuannaich na Ròmanaich am blàr seo an aghaidh threubhan Albannach tro ullachadh is uidheam na b’ fheàrr.
Find us on