English
Cha do dh'fhàg na Cruithnich clàir sam bith mun dòigh-beatha a bh' aca, ach tha làmh-sgrìobhainn Laideann ann le liosta den rìghrean. B' e fear de na rìghrean a bu tràithe as aithne dhuinn Bridei no Brude, mac Maelcon no Melcon, a rinneadh na rìgh mu AD 555 agus a chaochail mu AD 586. Bha rìoghachd Chruithneach Bhridei a' sìneadh gu tuath on talamh eadar aibhnichean Fhoirthe agus Chluaidh. Ann an teaghlaichean rìoghail Cruithneach, cha robh mac a' leantainn athair - 's ann tro bhreith rìoghail na màthar a thigeadh an rìgh ùr.
Fhad 's a bha Bridei na rìgh, dh'fheuch Colum Cille, Aba Eilean Ìdhe, ri na Cruithnich iompachadh gu Crìosdachd. Tha Beatha Choluim Chille, air a sgrìobhadh le Adamnan, ag innse dhuinn gun deach Rìgh Bridei a thàladh gu bhith ag èisteachd ri facail an t-soisgeil nuair a dh'fhosgail Colm Cille, gu mìorbhaileach, geataichean a dhaingnich a bh' air an dùnadh 's an tairgneadh.
'S cinnteach gu robh iad cuideachd a' bruidhinn air cuspairean poilitigeach agus creideis aig a' choinneamh aca. Tha aithris ann gu robh daingneach rìoghail Bhridei faisg air Abhainn Nis, ach tha e nas coltaiche gum biodh e a' fuireach air an talamh nas torraiche na b’ fhaide an ear.
Find us on