English
'S ann a tha 'Ceilteach', mar a thuigeas sinn e, air am meas a rèir an cànain agus bhon ealain, bho nithean a rinn iad agus bho fhuidheall muinntir Linn an Iarainn. Ann an 'Alba Cheilteach', thòisich muinntir an àite faisg air Deireadh Linn an Umha a' cleachdadh theicneòlasan ùra agus dhòighean ùra cultarach nan daoine ris an robh iad a’ malairt. Thòisich Linn an Iarainn ann an Alba mu c 700 RC agus lean e gu mu 500 AD.
Dh'fhàs na daoine math air iarann a leaghadh agus bhiodh iad a' sgeadachadh nam pìosan iarainn a rinn iad le pàtrain iongantach; bha iad air leth dèidheil air sgeadachadh agus dealbhachadh. Glè thric bhiodh pàtrain ioma-fhìllte de 'chnotan' sna dealbhan a rinn iad. Bhiodh muinntir nan treubhan ann an Linn an Iarainn a' cur orra aodach a dhath iad gu soilleir agus a dh'fhigh iad le pàtrain bhrèagha; bhiodh na gaisgich a' cur orra thorcan òir mun amhaichean agus bhiodh iad a' sabaid à carbadan-cogaidh air an tarraing le eich.
Bhiodh na buidhnean de ghaisgich glè sgileil mar shealgairean agus mar mharcaichean eich; 's e luchd-sabaid borb a bh' annta agus bha iad ainmeil airson an cuirmean, am bòstadh agus an seanchas. Bhiodh na batail aca làn de dh'fhuaimean nan còrn-cogaidh: an Carnyx. Bhiodh iad a' tilgeil rudan iarainn, nam measg coireannan (poitean mòra) agus claidheamhnan, a-steach don uisge - ann an lochan is aibhnichean agus sa pholl - mar thiodhlacan do na diathan is na ban-dhiathan pàganach aca.
Rinn na Ròmanaich liosta de na treubhan san taobh a tuath. Nam measg bha na Caledonii, na Votadini, na Selgovae, na Damnoni, na Novantae, na Vacomagi agus na Venicones.
Tha na ceudan bhliadhnaichean air a dhol seachad o bha na Ceiltich, na Cruithnich agus na Lochlannaich an seo ach tha a' bhuaidh aca fhathast sa Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan. Tha stuth ri fhaotainn air a' chuspair seo a dh'fhaodas luchd-teagaisg a chleachdadh sa chlasrum.
Ionnsaich mu na carraighean, na nithean dèanta is na gnìomhachasan a bha nam pàirt de Innse Gall ann an Linn an Iarainn. (Ann am Beurla).
Feuch gnìomhan spòrsa arc-eòlach no rannsaich cuspairean mu Alba ann an Linn an Iarainn le na stòrasan seo bho ‘Archaeology Scotland’ a chaidh a dheibh mar thaic do thidsearan. (Ann am Beurla).
Faigh a-mach a bheil sgilean agad airson teine a dhèanamh, aran a bhèicearachd agus aodach a shnìomh gus am tig thu beò tro Linn an Iarainn. Geama brosnachail agus fiosrach bho ‘BBC History’.
Tha Ceiltich Linn an Iarainn a’ tighinn am follais leis an t-sreath seo de bheothachaidhean eadar-oibre bhon BhBC. (Ann am Beurla).
Rannsaich meud nithean dèante Linn an Iarainn ann an stòr-dàta cruinneachaidhean air-loidhne ‘ National Museums Scotland’. Le ìomhaighean de, is cunntasan mu, sginean, cinn thuagh, innealan tuathanachais, seudan agus rudan bho gach raon den bheatha. (Ann am Beurla).
Sgrùd ìomhaighean agus ionnsaich tuilleadh mu sheòrsa sònraichte de thorc bho Linn an Iarainn an Alba.
Rannsaich na nithean seo bhon 1mh no ’n 2mh linn AD a chaidh a lorg an Siorrachd Obar Dheathain: bannan-gàirdein umha, gach aon còrr air 1.5 kg de chuideam.
Faigh a-mach tuilleadh mu na daoine a bha a’ còmhnaidh am Breatainn rè Linn an Iarainn agus rannsaich cuid de na nithean dèante a tha a-nise ann an Taigh-tasgaidh Bhreatainn.
Cuairt air-loidhne bho Thaigh-tasgaidh Bhreatainn a’ rannsachadh fianais arc-eòlach a thaobh cràbhachd ann an Linn an Iarainn.
Find us on