English
Thadhail an t-ìompaire Hadrian air Breatainn ann an AD 122 agus thug e òrdugh dha sheanailearan balla a thogail fad an rathaid eadar aibhnichean a Solbhagh chun na Tyne, gus nach fhaigheadh na creachadairean bho thuath cothrom an daingneach chudromach Ròmanach aca ann an Drochaid Chor ann an Northumberland a sgrios.
Bha Balla Hadrian 80 mìle Ròmanach ann am fad - mu 73 mìle no 117 km an-diugh. Chaidh a thogail ann am pìosan de 5 mìle agus 17 daingnichean ann. Chaidh daingnichean na bu lugha, air an robh 'caistealan mìle', a thogail gach mìle agus cuideachd tùir theachdaireachd eatarra seo.
B' e obair uabhasach mhòr a bha san togail; thug iad 15 bliadhna ris, agus chaidh mic às dèidh an athraichean a-steach do dh'obair-dìon a' bhalla. Rinn 18,000 saighdear obair air, agus chleachd iad 4 millean tunna de chloich. Bha e mar chrìch rè iomadh ionnsaigh Ròmanach a-steach gu dùthaich nan Albannach.
Bha mòran de Bhalla Hadrian mu 10 troighean Ròmanach a leud - 's e sin 3m no 9.7 troighean san là an-diugh. Bha mu 5 no 6m a dh'àirde ann (16 gu 20 troigh). Bha e mun treas pàirt na b' fharsaing air a bhonn na bha e air na baidealan gu h-àrd.
Mu AD 367 chaidh ionnsaigh a thoirt air a' bhalla le caidreachas de na treubhan mar phàirt de ‘Co-fheall nan Daoine Borba’. Chaidh an t-sìth Ròmanach, am 'Pax Romana' a chur ann air ais airson greis, ach ro AD 400 bha an Ìompaireachd Ròmanach gu lèir, a bha air sgaoileadh on Chaisteal Nuadh ann an Sasainn gu Abhainn Nile san Èipheit, ann am fìor chunnart, agus thrèigeadh a' chrìoch.
Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.
Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.
Èist ri dannsa cogaidh aosmhor air a chluich air drumaichean agus air pìoban ribheid.
Criomag bhidio bho ‘BBC Learning Zone’, a tha a’ mìneachadh gun deach gàrraidhean Ròmanach a thogail airson iad fhèin agus treubhan càirdeil deasach a dhìon bho threubhan tuathach naimhdeil.
Criomag bhidio bho ‘BBC Learning Zone’ mu mar a tha na gàrraidhean a thog na Ròmanaich a’ sealltainn nach do cheannsaich iad ach taobh deas na h-Alba.
Rannsaich an cruinneachadh seo de dhealbhan bho fhad gàrradh Hadriain.
Find us on