Scotlands History

An Eaglais Thràth

Mu AD 400 stèidhich Ninian Taigh Mhàrtainn - creathail Chrìosdaidheachd san dùthaich air am biodh Alba a-rithist.

Am measg nan naomh san eaglais thràth bha Ninian agus Colum Cille. B' iad na miseanaraidhean a chuir air bhonn ionadan Crìosdail agus a rinn obair airson am facal a sgaoileadh air feadh nan rìghrean agus nan daoine fhèin.

Am measg nan naomh dhùthchasach bha an Naomh Moluag, an Naomh Drostan, an Naomh Maolrubha, an Naomh Ethernan, an Naomh Machar agus an Naomh Hilda.

Eadar AD 400 agus na h-ionnsaighean Lochlannach a thachair mu AD 800, thòisich Crìosdaidheachd a' freumhachadh. Thòisich ionadan naomha, mar fhuarain agus thobraichean, a bhith Chrìosdail, leis an Naomh Brìghde agus Moire Bheannaichte a' fas na bu bhuadhaiche na na ban-diathan pàganach sgìreil.


 

  • dealbh de chlach snaighte bho uamh Naomh Ninian, Wigtownshire

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.