Scotlands History

Dùn Athad

'S e cnoc mòr creagach ann an Earra-Ghàidheal a th' ann an Dùn Athad. B' e àite cudromach a bh' ann do mhuinntir Dhàil Riata, agus tha an cnoc na laighe faisg air Gleann Chill Mhàrtainn. Tha rudan àrsaidheil a chaidh a lorg ann a' sealltainn gu robh daoine a' fuireach ann an Dùn Athad sna lìnntean tràtha RC.

Air mullach a' chnuic tha làrach coise snaighte ann an creig agus cuideachd snaigheadh de thorc fiadhaich. Tha iad den bheachd gun deach iad seo a chleachdadh aig àm crùnadh nan rìghrean.

Chaidh iomadh seann rud a lorg aig Dùn Athad. 'S dòcha gur ann gu sgrìobhadairean Eilean Ìdhe a bhiodh an t-seann phìos peant buidhe no 'orpiment' a' dol, stuth a bhiodh air a chur gu feum a' dathadh nan làmh-sgrìobhainnean coltach ri Leabhar a’ Cheannanais. Tha molldairean a dheanadh bràistean agus poitean-leaghaidh a' sealltainn gur e ionad de phrìomh ceàirde meatailt a bh' ann an Dùn Athad san 7mh linn. Bha luchd-ceàird a' dèanamh seudaireachd bhrèagha a leithid Bràiste Bhail' an t-Sealgair.

Tha criomagan poite agus rudan eile a' sealltainn gur e ionad cudromach malairt a bh' ann an Dùn Athad, far am biodh soithichean a' tighinn às an Roinn Eòrpa a' toirt leotha luchdan de dh'fhìon, de dhathan, de shalainn agus de spìosraidh annasach do Ghàidheil Dhail Riata.


 

  • dealbh de làrach coise a chaidh a lorg aig Hillfort Dùn Athad

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.