Scotlands History

Na Damnonii, na Novantae agus na Selgovae

Mun àm a thàinig na Ròmanaich a Bhreatainn a Tuath ann an AD 78, bha an dùthaich mar-thà air a roinn na fearannan treubhach. Bha rìghrean agus daoin'-uasal ann, a leithid thighearnan, luchd-cogaidh, shagartan agus bhàrd, luchd-saora mar thuathanaich agus luchd-ealain sgileil, agus cuideachd tràillean ceangailte. Ach am beachd nan Ròmanaich 's e daoine borba a bh' annt' uile.

'S dòcha gu robh baile aig treubh nan Damnonii aig Cnoc Dumyat faisg air Sruighlea, le fearann a' sgaoileadh gu ruig srath Abhainn Chluaidh. 'S dòcha aig àm nan Ròmanach gur e am prìomh-bhaile a bh' aca tuineachadh glè mhòr air Cnoc Walls, no Uallas, faisg air Howwood ann an Siorrachd Rinn Friu.

Bha treubh nan Novantae a' fuireach san an iar-dheas - an-diugh 's e Gall-Ghàidhealaibh agus Carraig (Siorrachd Àir) a th' air. B' e fear dem bailtean, ‘Locopibium’, air a chlàradh le Ptolemy, 's dòcha Whithorn (Taigh Mhàrtainn) no 's dòcha Baile na h-Ùige. Chùm na Ròmanaich smachd air an sgìre seo bho dhaingnichean a thog iad aig Gleann Lochair agus Dail Bhail' Shuain.

Thathar den bheachd gur ann ri taobh crìochan nan Novantae a bha treubh nan Selgovae a' fuireach. 'S dòcha gur ann bho 'sealg' a thàinig an t-ainm aca - sealgairean no muinntir na seilge.  Fad ghreis mhòir bha luchd-eachdraidh den bheachd gu robh dùn air leth mòr air mullach a tuath nan trì Cnoc Eildon, faisg air Maol Rois, ceangailte ris na Selgovae, ach an-diugh tha iad den bheachd gu robh an treubh a' fuireach na b' fhaide an iar-dheas, ann an Gall-Ghàidhealaibh.

  • dealbh de torc umha

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.