English
Ro cheann na 4mh linne RC bha daoine air feadh Bhreatainn a' bruidhinn chànanan Ceilteach. 'S e Ceilteach-Q no cànanan 'Goidelic' agus Ceilteach-P no cànanan 'Brythonic' na h-ainmean a th' orra sa Bheurla. (Bidh tòrr fhaclan a' tòiseachadh le C ann an Ceilteach-Q agus na h-aon fhaclan glè thric a' tòiseachadh le P ann an Ceilteach-P).
Bha muinntir a' chost an Iar a' dèanamh malairt ri na h-Èireannaich thar a' chuain. Bha iad uile a' bruidhinn chànanan Ceilteach-Q Goidelic (Ceilteach-C Gàidhlig) a bha coltach ri chèile. Bha e mòran na b' fhasa siubhal air a' mhuir na bhiodh e air tìr. Cha robh ann ach beagan mhìltean ann an Sruth na Maoile eadar Èirinn agus Cinn Tìre.
Nuair a shiubhail an Naomh Colum Cille duine Èireannach, a dh'Alba ach an coinnicheadh e Rìgh Brud nan Cruithneach, bha feum aige air eadar-theangair gus an tuigeadh iad e, a chionn 's gur e seann Cheilteach-P Brythonic a bh' aig na Cruithnich. Ann an taobh a deas na h-Alba cuideachd b' e sin an seòrsa cànan a bh' aig Breatannaich Srath Chluaidh agus aig na Votadini.
Ach gun teagamh tha seo mòran ro shìmplidh. Bhiodh ceudan de dhualchainntean air am bruidhinn air feadh na dùthcha. Bhiodh mòran dhaoine ann a bha ioma-chànanach. Bha facail air an togail bho chànanan eile agus bhiodh dòigh-labhairt shìmplidh air a cleachdadh a bhiodh furasta airson malairt agus co-mhodh. Dh'fhàs na seann chruthan de na cànanan sin gu cànanan Ceilteach an là an-diugh, mar Gàidhlig, Cuimreach agus Manainneach.
Tha fhathast freumhan nan cànanan Ceilteach rin lorg ann an ceudan de dh'ainmean-àite, mar eisimpleir: Traprain Law, Clackmannan /Clach Mhanainn, Lanark /Lannraig agus Penicuik.
Find us on