English
Bha cliù aig na Ceiltich mar luchd-meatailt agus mar thuathanaich agus gu h-àraid mar laoich-cogaidh. Bha meas mòr aca air an torc fhiadhaich, a' mhuc fhiadhaich, airson cho borb 's a bha e ga dhìon fhèin. Nuair a bhiodh cuirm aca, bhiodh na prìomh ghaisgich Cheilteach a' faighinn 'roinn a' ghaisgich' - glè thric leth-deiridh an tuirc air a ròstadh.
Nuair a bhiodh iad a' dol don bhlàr-cogaidh, bhiodh gaisgich Linn an Iarainn a' cur eagal air an naimhdean leis an fhuaim mhòir a dhèanadh iad. Bha trompaid-cogaidh fada corrach aca, air an robh an Carnyx ('s dòcha an Corranach sa Ghàidhlig) agus thigeadh sgiamh tùchanach on bheul aige gu h-àrd, a bh' ann an cumadh tuirc. Bhiodh pìos aig a' ghèillean, fon bheul, a' gluasad nuair a shèideadh iad e - agus chuireadh seo barrachd uabhais air an nàmhaid. 'S dòcha gun deach an còrn mòr, an Carnyx, a chluiche aig cuirmean, bainnsean, tiodhlacaidhean is fèisean.
Chaidh Carnyx Deskford, an t-aon cheann carnyx a mhaireas ann am Breatainn, a lorg ann an Deskford ann an siorrachd Bhainbh. Thathar den bheachd gun deach a thiodhlacadh mar 'votive offering' - ìobairt do na diathan.
Chaidh Còrn no Carnyx Deskford a chur gu feum mu 80 gu 200 AD. Tha e air a dhèanamh à pràis agus umha, agus bhiodh teanga aige uaireigin a ghluaiseadh sìos is suas nuair a chluichist an còrn. Tha e ri fhaicinn aig Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba ann an Dùn Èideann.
Rannsaich eachdraiodh na carnaigs, trompaid fhada Cheilteach de umha bhuailte, agus ionnsaich mu ath-dhèanamh carnaigs Deskford.
Ìomhaighean de, agus fiosrachadh mu, charnaigs ann an stòr-dàta chruinneachaidhean air-loidhne ann an Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba.
Find us on