Scotlands History

Caledonii

'S e na 'Caledones' no 'Caledonii' a bh' aig na Ròmanaich air na treubhan gu tuath (na Caileadonianaich no na h-Albannaich), agus thug iad 'Caledonia' air an dùthaich aca. Tha an t-eachdraiche Ròmanach, Tacitus, ag innse dhuinn gu robh falt ruadh agus casan is gàirdeanan fada air muinntir Chaledonia; b' e daoine borba a bh' annta agus chaidh iad a shabaid sa bhad cho luath 's a chunnaic iad a' chiad fheadhainn de luchd-ionnsaigh nan Ròmanach.

'Chaidh na treubhan a bha a' fuireach ann an Caledonia fo armachd sa bhad, agus le ullachadh mòr, air a dhèanamh na bu mhotha buileach leis na sgeulachdan a tha an-còmhnaidh a' dol an cois rudan air nach eil eòlas, thug  iad an ionnsaigh fhèin air na daingnichean againn...' 

Tacitus, Beatha Cnaeus Julius Agricola, mu AD 98

Am beachd nan Ròmanach, b’ e daoine borba cunnartach a bha sna treubhan a bha a' fuireach air taobh thall crìochan nan Ròmanach. Thug eachdraichean nan Ròmanach an t-ainm 'Caledonii' air a h-uile treubh a bha a' fuireach san dùthaich ghallta seo.

Sheas na Caileadonianaich a-mach gu borb an aghaidh luchd-ionnsaigh nan Ròmanach. Cha robh an aon chànan aca 's a bh' aig treubhan nam Breatannach gu deas; chùm iad an dearbh-aithne fhèin agus cha robh e furasta smachd fhaighinn orra. Ann an 142 AD thog na Ròmanaich Balla Antoninus o Abhainn Fhoirthe gu Abhainn Chluaidh feuch an cuireadh iad stad air an aimhreit san Ìmpireachd.

Ann an 310 AD bhruidhinn sgrìobhaichean Ròmanach air ‘the woods and marshes of the Caledones and other Picts.’


  • dealbh de fireannach à treubh Chaileadonianach
  • dealbh de 'Armlets' air an dèanamh à umha

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.


Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.

Download the latest flash player

Èist ri na sgrìobhaidhean aig an eachdraiche Tacitus mu ionnsaigh an t-seanalair Ròmanaich, Agricola, air Breatainn. Ann am Beurla.