Scotlands History

Taigh-ionnlaid Ròmanach Bhearsden

Bha na Ròmanaich a' cur luach mhòr air slàinte mhath – aig a h-uile daingneach bha taigh-ionnlaid agus taighean beaga a chleachdadh a h-uile saighdear. Bha eadhon an ospadalan agus an dotairean fhèin aig gach daingneach a bu mhotha.

Am broinn an taigh-ionnlaid ann am Bearsden bha rùm-aodaich ann a' dol gu rùm fuar agus gu rùm-smùide no gu rùm teth tioram. Bha a h-uile fear dhiubh air am blàthachadh le siostam 'hypocaust' le èadhar theth air a giùlan fon làr agus suas na ballachan. Bhiodh bogadh san amar-tumaidh fhuar a' dùnadh suas phòran a' chraicinn aig deireadh an t-seisein.

B' e 'frigidarium' a bh' air an rùm fhuar, agus 'sudatorium' air an rùm theth thioram. B' e 'tepidaria' a bh' air na rumannan blàtha agus an 'caldarium' air an rùm theth.

Do shaighdearan air àm dheth, bhiodh an taigh-ionnlaid cuideachd na àite far an cluinneadh iad naidheachd on chrìch, far an innseadh iad sgeulachdan no far am biodh iad gam blàthachadh fhèin.

Chithear rudan a chaidh a lorg o Thaigh-ionnlaid Ròmanach Bearsden air an taisbeanadh aig Taigh-tasgaidh Mhic an t-Sealgair Oilthigh Ghlaschu. Chithear fhathast lorgan talmhainn an taigh-ionnlaid aig Rathad nan Ròmanach, Bearsden.


  • dealbh den taigh-ionnlaid Ròmanach ann an Bearsden

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.