Scotlands History

Co-fheall nan Daoine Borba

Ann an 367 AD chaidh ionnsaigh a thoirt air Breatann nan Ròmanach le na Cruithnich, na Gàidheil, na h-Èireannaich agus na Sasannaich uile còmhla. Thug an t-eachdraiche Ròmanach Ammianus Marcellinus 'barbarica conspiratio' air seo - co-fheall nan daoine borba.

Chan eil cinnt idir ann gu robh naimhdean nan Ròmanach air an ionnsaighean a phlanadh còmhla, ach fad bliadhna bha an Ìmpireachd a' sabaid air gach taobh. Bha na h-Alamanni, na Sarmatianaich, na Quadi, na h-Austoriani agus muinntir nan Goth uile a' dèanamh ionnsaigh air na Ròmanaich o Ghaul gu Afraga agus timcheall air an Dainiub.

Aig an àm seo chuala cha mhòr an saoghal Ròmanach gu lèir fuaim gairm a' chogaidh, leis mar a bha na daoine borba gan togail fhèin agus a' creachadh nan crìochan a b' fhaisg orra... bha na Cruithnich, na Sasannaich, na Scotti [Èireannaich] agus na h-Attacotti uile a' toirt fìor aimhreit is bròn air Breatainn...

... cha mhòr nach robh ionnsaigh cho-cheangailte nan daoine borba air fearann Bhreatainn a sgrios.

Ammianus Marcellinus, Res Gestae Divi Augustae

An cois 'Cogadh nam Piocach' (Cogadh nan Cruithneach) thàinig ionnsaighean mairbhteach air Balla Hadrian. Tha Marcellinus ag innse gu robh na Cruithnich a' gluasad gu furasta agus a' dèanamh mòr-chreach. Dh'fheumadh na Ròmanaich Theodosius as Aosta agus buidheann de rèiseamaidean Ròmanach a chur ann, gus an dèanadh iad cùisean rèidh a-rithist. Chuir Theodosius na bailtean Ròmanach agus gearastanach air ais ann an òrdugh, agus neartaich e a' chrìoch-aghaidh.


  • dealbh de shaighdearan Ròmanach

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.