English
Às dèidh blàr Mons Graupius, chuir na h-Albannaich bacadh air na Ròmanaich len dòigh-cogaidh de sgeimhleadh (mar 'guerilla'). Thug na Ròmanaich an daingneach aca aig Innis Tuathail às a chèile, thiodhlaic iad rud sam bith dèante le iarann agus mheàrrs iad gu deas.
Ach bha feum air crìoch ùr air an cùlaibh a chumadh na treubhan a tuath air ais. B' e seo am Balla Antonànach, a thogadh ann an AD 142 fo òrdugh an Ìompaire Antoninus Pius.
Bha am balla seo, le a 19 daignichean, na chrìoch dhan iar-thuath aig an Ìompireachd Ròmanaich airson mu leth-cheud bliadhna. Bha e na shìneadh bho Bho'ness air Abhainn Fhoirthe gu Seann Chill Phàdraig air Abhainn Chluaidh. Bha e 37 mìle (60 km) de dh'fhaid. Bha bonn cloiche air, le ceapan de sgrathan air a mhuin agus daingneach fhiodha gu h-àrd, agus bha clais fharsaing air an taobh a tuath. Air an taobh a deas bha rathad an airm a bha a' ceangal nan 19 daingnichean.
'S iad na h-aon feachdan a thog Balla Hadrian ’s a thog Balla Antoninuis - an 2mh feachd suidhichte sa Chuimrigh, an 6mh aig Iorc agus am 20mh aig Chester.
Chithear clàrachaidhean den obair aca sna leacan astair, rud annasach nach deach a lorg an àite sam bith eile san t-saoghal Ròmanach. Ann an 2009 fhuair am Balla Antonànach ìre dìon agus an-diugh 's e Làrach Dhualchas na Cruinne no World Heritage Site a th' ann.
Chithear leacan astair on Bhalla Antonanach aig Taigh-tasgaidh Mhic an t-Sealgair Oilthigh Ghlaschu agus aig Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba ann an Dùn Èideann.
Faodaidh tu tadhal air làraichean a' Bhalla Antonanaich agus tha taighean-tasgaidh air an t-slighe a' sealltainn rudan a chaidh a lorg, nam measg buinn Ròmanach, bràistean agus cuarain. Chithear rudan eile on bhalla aig Taigh-tasgaidh Kinneil ann am Bo'ness, aig Taigh-tasgaidh Chalasraid san Eaglais Bhric agus aig Taigh-tasgaidh na Seann Eaglaise ann an Cathair Ceann Tulaich.
Rannsaich Gàrradh Antonine leis a’ BhBC.
Lorg crìochan Ìompaireachd na Ròimhe leis a’ bhileag fiosrachaidh seo mu Ghàrradh Antonine bho Chomhairle na h-Eaglaise Brice.
Fiosrachadh mu Ghàrradh Antonine bho ‘Historic Scotland’. (Ann am Beurla).
Ìomhaighean didseatach is fiosrachadh mu Ghàrradh Antonine agus Caisteal ‘Rough’ bhon Choimisean rìoghail.
Ionnsaich mu na Ròmanaich an Alba ’s mu Ghàrradh Antonine leis an stòras ionnsachaidfh air-loidhne seo bho ‘Scran’.
Rannsaich agus lorg na làraich agus cruinneachaidhean thaighean-tasgaidh co-cheangailte ri Gàrradh Antonine, crìoch iar-thuath Ìompaireachd na Ròimhe.
Find us on