Scotlands History

Na Lochlannaich a’ creachadh Eilean Idhe agus na h-oirthir

Bha na creachadairean pàganach den bheachd gun robh eaglaisean is manachainnean loma làn de ulaidh. Ann an AD 793 thug na Lochlannaich ionnsaigh air Eilean Naomh Lindisfarne. Bliadhna an dèidh sin thug iad ionnsaigh air Innse Gall. An dèidh sin thug na Lochlannaich ionnsaigh air Eilean Idhe no ‘Ilkolmkill’ mar a bhiodh aca air. Chaidh a' mhanachainn a chreachadh agus na manaich a mhurt.

Bha ‘bàinidh nan Tuathach’ nam bàtaichean luath, comasach a' cur eagal am beatha air muinntir nan Eilean a Tuath, Gallaibh, Cataibh, timhcheall taobh an iar Alba agus deas gu Baile Atha Cliath.

Thug na Lochlannaich ionnsaigh air Eilean Idhe ann an AD 795, agus a-rithist ann an AD 802. Ceithir bliadhna an dèidh sin, ann an AD 806, mharbh na Lochlannaich 68 manach air a' chladach aig Bàgh nam Martaireach.

Tha cunntas mun ionnsaigh air An Eilean Naomh, ann an leabhar eachdraidh mu Thaobh a Tuath Shasainn aig an àm seo a' toirt dealbh dhuinn de chreachadh Lochlannach.

Sgrios agus ghoid iad a h-uile càil; shaltair iad na nithean naomha fon casan salach, leag iad na h-altairean agus chreach iad gach rud luachmhor a bh’ anns na h-eaglaisean. Mharbh iad cuid de na bràithrean agus thug iad leotha feadhainn eile ceangailte ann an slabhraidhean.

Eachdraidh na h-Eaglaise ann an Durham, Simeon à Durham

Tràth anns an 9mh linn chaidh an t-ionmhas a bu phrìseile a bh' ann an Eilean Idhe a thoirt gu sàbhailteachd ann an Meath ann an Èirinn, far an deach ainmeachadh mar Leabhar a’ Cheannanais.


  • dealbh de daoine a dèanamh ath-chluiche de na Lochlannaich
  • dealbh de snàigh air bata lochlannaich

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.


Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.

Download the latest flash player
Title
Dies Irae - wire-strung clarsach and gemshorn

Èist ri Dies Irae a’ cluich air clàrsach shreangach agus gemshorn.