English
Bha na Lochlannaich a' creidsinn ann an diathan agus ban-diathan mòra a bha ag òrdachadh mar a dheigheadh an saoghal air adhart. Dh’fhaodadh dùil a bhith aig curaidhean a fhuair bàs glòrmhor ann am blàr a bhith aig cuirm còmhla ris na diathan ann an Valhalla, talla chumhachdach nam marbh. Bhiodh na Valkyries, curaidhean a bha nan òighean, a' lìonadh an adharcan-òil le meadh. 'S e Odin, dia cogaidh, bàrdachd agus gliocais an dia Lochannach a bu mhìorbhailiche. Bha e cuideachd air ainmeachadh mar:
'S e dia nan tàirneanach, nan stoirmean, agus na gaoithe a bh' ann an Thor, aon de mhic Odin. Bha e na dhia deatamach do sgiobaidhean Lochlannach, a bhiodh ag ùrnaigh ris mus fhalbhadh iad air turais-mara, eadhon an dèidh dhaibh tionndadh gu bhith nan Crìosdaidhean. Bha carbad-cogaidh Thor air an slaodadh le dà ghobhar. Bhiodh e a' cath ris na fuamhairean le òrd cumhachdach, Mjollnir.
Uaireannan bhiodh na Lochlannaich a' cur orra ìomhaighean de an diathan agus dem ban-diathan. Chaidh prìne cnàimh ann an cumadh tuagh Odin a lorg aig làrach an tuineachaidh Lochlannaich aig Jarlshof ann an Sealtainn.
Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.
Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.
Èist ris a’ chantele, seann ionnsramaid à Fionnlann, air a chluich.
Is toigh leinn beachdachadh air na Lochlannaich mar chreachadairean pàganach. Ach, mar a tha ‘BBC History’ a’ mìneachadh, bha iad ullamh gu gabhail ri Crìosdalachd aig an taigh agus anns na tìrean a cheannsaich iad.
Leugh na h-artaigealan seo mu mhiotas Lochlannach bhon ‘Encyclopedia Mythica’.
Find us on