English
Dh'fhàs Rìoghachd Ystrad Clud – Srath Chluaidh – làidir eadar an 5mh agus 8mh linn. Bha i a' ruith bho Loch Laomainn anns a' cheann a deas gu Rìoghachd Rheged timcheall Linne Shalmhaigh. B' e Al Clud am prìomh bhaile; a' chreag làidir aig Dùn Bhreatainn. B’ e creig na Cluaidh a bh’ aig Bede air Dùn Bhreatainn.
Bha Breatannaich Shrath Chluaidh a' bruidhinn cànan ris an canar P-Ceilteach Brythonic. Tha an t-ainm Srath Chluaidh a' tighinn bho na facail Brythonic ‘Ystrad Clud’ a’ ciallachadh ‘Gleann na Cluaidh’. B' e Clud, Clota no Clutida bantighearna Abhainn Chluaidh.
Bha Rìgh Riderch l – Rhydderch Hael ‘am fear còir’ a' riaghladh Srath Chluaidh aig àm Cheantaigearn, timcheall air AD 600. Tha Adamnan ga ainmeachadh mar cho-aois Choluim Chille. Tha Riderch a' nochdadh ann an uirsgeulan Cuimreach mar fhear-seilbh Dyrnwyn, claidheamh seunta; 's e seo aon de na Trì Ulaidhean Deug a bhuineadh do dh'Eilean Bhreatainn.
Ann an AD 642, thug Eachdraidh Bhliadhnail Ulaidh iomradh air gun do bhuannaich Breatannaich Alt Clud le Eugein, mac Beli, air an ceann, an aghaidh fir Dhàl Riata agus gun do mharbh iad Domnall Brecc, ogha Aedain.
Ann an AD 870-1 chaidh Dùn Bhreatainn a thoirt am bruid an dèidh dhaibh a bhith air an cuairteachadh airson ceithir mìosan aig arm Lochlannach à Baile Àtha Cliath. Rinn na Lochlannaich cinnteach nach robh bùrn aca. Chaidh Rìgh Artgal mac Drumnagual, Rìgh Breatannaich Shrath Chluaidh a thoirt am bruid gu Baile Lochlannach Àtha Cliath.
Thill Amlaib agus Imar a dh' Atha Cliath à Alba le dà cheud soitheach. Thug iad leotha am bruid mòran Anglaich, Bhreatannaich agus Chruithnich.
Eachdraidh Bhliadhnail Ulaidh, AD 871
An dèidh an call seo chaidh Prìomh bhaile Shrath Chluaidh a ghluasad 18km suas gu Baile Ghobhainn. Stèidhich Breatannaich Shrath Chluaidh ionad ùr poilitigeach agus daingneach rìoghail air làrach leis an ainm Doomster Hill, timcheall eaglais Naomh Chonstantine, air bruaichean a deas Abhainn Chluaidh.
Ann an AD 937 bhuannaich Rìgh Athelstan Shasainn an aghaiidh Rìgh Shrath Chluaidh, Owen I, aig Blàr Brunanburh.
Tha seann eaglais sgìre Bhaile Ghobhainn air a togail air seann làrach tuineachaidh Breatannaich Shrath Chluaidh. Am broinn na h-eaglaise tha cruinneachadh de na leacan as cudthromaichea bha aig na ciad Chrìosdaidhean. Tha iomadh seòrsa leac ann a’ comharrachadh far an robh Rìghrean Shrath Chluaidh air an tiodhlacadh.
Find us on