Scotlands History

Na Lochlannaich – Arcaibh agus Sealtainn

Bha Arcaibh agus Sealtainn fhathast a' toirt ùmhlachd do Nirribhidh an dèidh do na h-Eileanan an Iar a bhith air an toirt seachad do Alasdair III ann an 1266 AD. Ach bha na Lochlannaich a' call an cumhachd an seo cuideachd. Bha an iarlachd a' falbh à làmhan Lochlannach agus a' dol gu daoine à Alba. Ann an 1469 bha rìghrean Lochlainn fo smachd rìghrean na Danmhairg, aig nach robh ùidh sam bith anns na tìrean cèine a bh' aig na Lochlannaich.

Phòs Seumas lll, Rìgh Alba, Mairead nighean Rìgh na Danmhairg, ann an 1468. Mar phàirt den tochradh a chaidh a phàigheadh air a son, chaidh Arcaibh agus Sealtainn a thoirt do dh’Alba. Cha deach an còrr de dh'airgead a phàigheadh agus bha na h-eileanan le Alba o sin a-mach.

Cha deach cur às do lagh Lochlannach ann an Sealtainn gu 1611, agus bha an cànan Lochlannach (Norn) beò ann chun na 18mh linne. Anns a' Mhàrt 1858, lorg balach òg stòras Lochlannach ann am Bàgh Skaill ann an Sandabhaig. Bha e a' ruith às dèidh rabaid a bha a' dol sìos toll nuair a lorg e fàinneachan airgid.

Ann an 1991 chaidh bàta Lochlannach a bh' air a thiodhlacadh a chladhach air tràigh aig Scar air Eilean Shanndaidh. Chaidh a thiodhlacadh eadar 875 agus 950 AD. Am measg na chaidh a lorg anns an uaigh bha duslach dhaoine, balg-shaighead le ochd saighdean, cìr air a dèanamh de chnàmh, pìosan airson ghèamanan, dà dhealgan agus clàr air a dhèanamh le cnàmh muic-mhara le dealbh de cheann dà dhràgon air. Tha e air ainmeachadh mar Scar Dragon Plague.

Tha na rudan a chaidh a lorg air an taisbeanadh ann an Taigh-tasgaidh Arcaibh, ann an Kirkwall.

Tha fèis-teine Up-Helly-Aa, a bhios a' gabhail àite ann an Lerwick a h-uile Faoilleach, a' cuimhneachadh mar a bhuineadh Sealtainn do na Lochlannaich anns na laithean a dh’fhalbh. Bhiodh an t-seann fhèis  Lochlannach a' comharrachadh deireadh nam fèisean fada geamhraidh aca.


 

  • Image of a carved whalebone plaque

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.


Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.

Download the latest flash player
Title
Shepherd's Dance - lyre and shepherd's pipe

Èist ri dannsa a’ bhuachaille, air a chluich air an fhairchill  agus air pìob a’ bhuachaille.