Scotlands History

Naomh Ninian agus an eaglais thràth

Tha Naomh Pàdraig, Naomh Ninian, Ceantaigearn agus Colum Cille am measg nam manach as ainmeile a th’ againn. Tha Bede Urramach ag innse dhuinn gun d' fhuair Naomh Ninian ionnsachadh anns an Ròimh. An dèidh sin thill e a Ghall-Ghàidhealaibh.

Thog Ninian eaglais chloich, a bh' air a dèanamh geal le aol. Bha i air a h-ainmeachadh mar “Candida Casa – ‘An Taigh Geal’” – no ‘hwit aerne’ ann an cànan Northumbria – a-nis Whithorn ann an Gall-Ghàidhealaibh. Bha e na àite cudromach airson a bhith a’ trèanadh mhanaich agus mhiseanaraidhean Crìosdail.

Shiubhail Ninian air feadh Alba a’ feuchainn ris na Cruithnich phàganach iompachadh chun a' Chreideimh Chrìosdaidh.

Ro AD 432, an dèidh bàs Ninian, bha an Creideamh Crìosdaidh air sgapadh air feadh Srath Chluaidh. Tha Latha Naomh Ninian air an 16mh latha den t-Sultain.


  • dealbh de uinneag ann an eaglais Naomh Ninian

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.


Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.

Download the latest flash player
Title
Veni Redemptor, short version - Pictish replica harp

Èist ri Veni Redemptor, laoidh Nollaig bhon 5mh linn air a chluich air an t-seòrsa clàrsach a bh’ aig na Cruithnich