English
Ann an 1831 chaidh stòr de dh’fhir-tàilisg bhon 12mh linn a lorg ann an ciste cloiche anns a' ghainmhich ann am Bàgh Ùige, air cost an iar Leòdhais. Bha dùil aig a' chloinn a lorg iad gur e sìdhichean a bh' annta.
Anns an stòr a bh' air a shnaidheadh gu mionaideach à ìbhri each-mara, bha faisg air ceithir buidhnean-tàilisg anns an stòr – 8 rìghrean, 8 banrighrean, 16 easbaig, 15 ridire, 12 ròcais agus 19 pàn. Bha na dealbhan mionaideach a' sealltainn anmhidhean agus duilleach snaidhte air cathraichean. Bhiodh cathraichean àrda, sgeadaichte aig na ceannardan Lochlannach. Chan eil fios carson a chaidh na fir-tàilisg a thiodhlacadh an seo; tha dùil gur e ceannaiche-siubhail a chuir air falach iad anns an dol-seachad agus nach d' fhuair air tilleadh.
Bha na h-Eileanan an Iar fo riaghladh Lochlannach airson timcheall air 200 bliadhna gu cùmhnant Pheairt ann an AD 1266, nuair a chaidh an toirt seachad do rìgh Alba, Rìgh Alasdair lll.
Tha na fir-tàilisg air an taisbeanach ann an Taigh-tasgaidh Alba ann an Dùn Èideann agus ann an Taigh-tasgaidh Bhreatainn ann an Lunnainn.
Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.
Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.
Èist ris Lux Illuxit, an ceòl airson latha cuirm Naomh Olav, air a chluich air a’ chlàrsaich agus an gemshorn.
Faigh a-mach mu na fir-tàileisg ìbhri bho Eilean Leòdhais leis a’ chruinneacchadh dhidseatach seo bho Thaighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba.
Rannsaich Fir-tàileisg Leòdhais còmhla ri Taigh-tasgaidh Bhreatainn, pìosan tàileisg toinnte de ìbhri uàlrais is fhiaclan mhucan-mara.
Find us on