English
Ann an AD 697 thug Aba Eilean Idhe, a-steach Lagh nan Neo-chiontach; air an robh ‘Càin Adomnain’ – Lagh Adomnain. Bha Lagh nan Neo-chiontach a' dèanamh oidhirp air dìon a thoirt do na daoine nach biodh a' sabaid: boireannaich, clann agus clèirich – airson còirichean a thoirt do shìobhaltaich.
Fhuair Adomnan air toirt air Rìgh Dhàil Riata, Rìgh nan Cruithneach agus barrachd air leth-cheud rìgh Èireannach aontachadh ri Lagh nan Neo-chiontach.
Tha Càin Adomnain ag ràdh gun tuirt aingeal ri Adomnan lagh a chruthachadh a chanadh:
…cha bhi boireannaich air am marbhadh ann an dòigh sam bith le fireannaich, tro chasgairt no bàs sam bith eile, le puinnsean, no ann am bùrn, no ann an teine no le ainmhidh sam bith eile, no ann an sloc, no le coin, ach bàsaichidh iad nan leapannan…
…bhon latha seo a-mach thèid duine sam bith a mharbhas boireannach agus nach tèid a pheanasachadh a rèir an lagh, a dhìteadh anns an t-siorraidheachd, agus a mhallachadh le Dia agus Adomnan.
Ann an Lagh nan Neo-chiontach bha càinean ann airson ghnìomhan neo-laghail mar leòn no marbhadh clann neo-chiontach, clèirich agus boireannaich.
Find us on