Scotlands History

Ceantaigearn

Tha e air a ràdh gur e mac bana-phrionnsa Votadini (leis an ainm Thaney, Thanew, Tanoch no Enoch) bho Lagh Thraprain a bh’ ann an Ceantaigearn. Bha e na sgoilear ann am manachainn Naomh Sherf ann am Fìobha.

Mar mhanach agus mar mhiseanaraidh bhiodh Ceantaigearn – no Mungo, a' ciallachadh ‘am fear gràdhach’ – a' siubhal airson an soisgeul a theagasg. Stèidhich e ionad-cràbhaidh ann an Glaschu. An-diugh 's e Mungo naomh-taice Ghlaschu, agus tha e ainmeil airson nam mìorbhailean a rinn e a tha air an riochdachadh air suaicheantas a' bhaile.

Seo a’ chraobh nach do dh’fhàs a-riamh
Seo an t-eun nach do sgèith a-riamh
Seo an t-iasg nach do shnàmh a-riamh
Seo an clag nach do bhuail a-riamh

Bha a' chraobh a' ciallachadh geug challtainn ris na chuir Mungo teine, gun fhios ciamar, nuair a chaidh an teine às ann am manachainn Sherf. Bha an t-eun a' ciallachadh brù-dhearg a bha na pheata aig Serf agus a thug Mungo air ais bho na mairbh. Thug Mungo cuideachadh do bhanrigh Shrath Chluaidh an fhàinne a bha i air a chall a lorg am broinn bradan. Chaidh an clag naomh a thoirt air ais às an Ròimh. Thug Mungo facal-suaicheantais do bhaile Ghlaschu: ‘Biodh Glaschu soirbheachail tro bhith a' searmonachadh an fhacail.’

Chaochail Ceantaigearn timcheall air AD 612 agus thathar ga chuimhneachadh air an 13mh latha den Fhaoilleach. Chìthear uaigh anns an rèilig ann an Àrd-eaglais Ghlaschu.


  • dealbh de uinneag Ceantaigearn

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.