Scotlands History

Na Lochlannaich – Jarlshof

'S e làrach àraid a chaidh a chladhach bho na 1930an a th' ann an tuineachadh Jarlshof, faisg air Rubha Sumburgh. Tha Jarlshof a' ciallachadh ‘Aitreabh Iarla’. Thug Sir Walter Scott an t-ainm don làrach tràth anns an 19mh linn.

Bhathar a' còmhnaidh anns an tuineachadh airson còrr air 400 bliadhna. Bha e suidhichte air leòidean torrach air an deagh dhrèanadh faisg air calaidhean fasgach. Bha fuarain le burn ùr faisg air làimh. Bha mòran chlachan, a dh'fhaodadh a bhith air an cleachdadh airson togalaichean, air a' chladach. Cha b' urrainn ach dà theaghlach mòr a bhith a' fuireach anns an tuineachadh aig an aon àm.

Thairis air na bliadhnaichean chaidh taighean fada àbhaisteach nan Lochlannach a leasachadh, le cidsin, talla-fuirich agus bàthach aig a' cheann shìos, uile air an dèanamh le clachan agus sgrathan. Airson a' ghaoth a bha a' sèideadh gun sguir a sheachnadh, bha doras aig gach ceann den taigh; bhiodh iad a' cleachdadh an dorais a bha anns an fhasgadh. Chaidh taigh-ionnlaid, ceàrdach, àth airson coirc a thiormachadh, agus rathaidean agus cabhsairean a lorg.

B' e tuathanachas an dòigh-beatha a bh' aca. Bha eòrna agus coirc air an cur; caoraich, crodh, mucan agus pònaidhean air an cumail; bhiodh iad a' dèanamh mòran iasgach, an dà chuid faisg air tìr agus ann an uisge domhainn. Chaidh mòran innealan co-cheangailte ris an dachaigh a lorg an seo, air an dèanamh de dh’iarann, de chnàmhan no cabair-fèidh, no air an snaidheadh à clach-shiabainn. Bha Jarlshof soirbheachail mar thuathanas nach robh an urra ri duine sam bith eile; chaidh a thogail mar thuathanas meadhan-aoiseach anns a' 14mh linn.


  • dealbh de na taighean-chuibhle a chaidh an lorg aig Jarlshof

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.


Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.

Download the latest flash player
Title
Horsehair-strung Kantele, plucked (version 1)

Èist ris a’ chantele, seann ionnsramaid à Fionnlann, air a chluich.