English
Ann an AD 563, stèidhich manach Èireannach Colum Cille agus an dusan a bha ga leantainn eaglais agus manachainn air Eilean Idhe anns Na h-Eileanan a-Staigh.
'S dòcha gun robh Eilean Idhe na eilean naomh ro àm a' Chreideimh Chrìosdaidh. Bha e air an t-slìghe-mhara eadar Èirinn agus Taobh an Iar Alba.
Thòisichear a' cleachdadh Eilean Idhe mar ionad-trèanaidh do mhanaich, a bhiodh a' fuireach ann am bothain bheaga chruinne air an dèanamh de chloich far am biodh sàmhchair aca airson a bhith ag ùrnaigh agus a' cumail rim bòidean; b' iad sin ùmhlachd agus bochdainn. Thòisich mòran a’ tighinn don eilean air chuairtean diadhaidh agus bha an t-eilean air fhaicinn mar an àite far an do thòisich an Creideamh Crìosdaidh, àite naomh far an robh rìghrean Gàidhlig, Èireannach agus Lochlannach air an tiodhlacadh. Bhiodh e air ainmeachadh mar Idhe Choluim Chille.
Tha iomadh sgoilear a' creidsinn gun deach Leabhar a’ Cheannanais a chruthachadh, no co-dhiù a thòiseachadh ann an seòmar-sgrìobhaidh Eilean Idhe anns an 8mh linn. Bho AD 794 chaidh stuth luachmhor a bh' anns a' mhanachainn a chreachadh iomadh uair le na Lochlannaich. Aig àm an Ath-leasachaidh chaidh togalaichean Eilean Idhe a chreachadh a-rithist.
Thog na Benedictines an Abaid a th' ann an Eilean Idhe an-diugh, agus chaidh a h-ath-thogail anns an 20mh linn. An-diugh tha i air a cleachdadh mar àite-adhraidh.
Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.
Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.
Èist ri Pater Columba, canntaireachd Ceilteach bho Antiphoner Inchcolm air a chluich air a’ chlàrsaich Chruithnich.
Chaidh an làrach-lìn dà-chananach seo a chruthachadh le Alba Aosmhor. ’S e Eilean Ì aon de na h-eileanan as lugha ann an Alba air a bheil daoine a’ fuireach. Ach tha àite cudromach aige a thaobh eachdraidh. B’ ann an seo a stèidhich Calum Cille a mhanachainn, a bha mar mheadhan air a’ chreideamh Chrìosdail a sgaoileadh fad is farsaing. Faigh a-mach tuilleadh.
Fiosrachadh mu Eilean Idhe, cridhe spioradail Crìosdalachd Alba, bho ‘BBC History’.
’S e abaid Idhe aon de na làraich as eachdraidheil ’s as naoimhe ann an Alba. Faigh fiosrachadh mun abaid bho ‘Historic Scotland’. (Ann am Beurla).
Ìomhaighean didseatach is fiosrachadh mu Eilean Idhe agus mun abaid eachdraidheil.
Find us on