English
Anns an 6mh linn bha mòran dhaoine eadar-dhealaichte a' fuireach san tìr a bhiodh aon latha air h-ainmeachadh mar Alba. Anns an taobh a tuath bha na Cruithnich; ann an Earra-Ghàidheal bha na Dàl Riatanaich; deas air An Abhainn Dhuibh agus air a’ Chluaidh bha Breatannaich ris an cante P-Ceiltich. Tràth anns na meadhan-aoisean anns a' Chuimrigh bha na Breatannaich sin air an ainmeachadh mar Gwyr y Gogledd – ‘Na daoine bhon Taobh a Tuath’.
Am measg nam Breatannach bha na Gododdin no Guotodin; thàinig iad sin bhon Votadini a bhiodh a' malairt ri na Ròmanaich. Bha dùin aca ann an Din Eidyn – a-nis Dùn Èideann, agus manaw Gododdin – timcheall air Srùighlea. Timcheall air AD 600 dh'fhàg arm, le 300 àrmann air an ceann, Dùn Èideann air eich airson aghaidh a chur air na h-Anglaich ann am Blàr aig Catreath - ’s dòcha Catterick, ann an Siorrachd Iorc.
Thug am bàrd Aneirin cunntas air na bha curaidhean a' Ghododdin ris, na cuirmean a bhiodh aca ron bhlàr agus mar a chaidh an ruagadh, anns a' bhàrdachd Chuimreach bho na meadhan-aoisean ‘Y Gododdin.’
Ruith trì ceud duine aig peilear dearg am beatha,
le bannan òr mun amhaichean, airson an talamh a dhìon,
agus bha marbhadh ann.
Chaidh an Gododdin a ruagadh gu tur agus ann an AD 638 fhuair na h-Anglaich sealbh air Din Eidyn. Chuir seo às dha rìoghachd Ghododinn. Bha an tighearnas a-nis aig na h-Anglaich agus thòisich còmhstri eadar na h-Anglaich agus na Cruithnich.
Find us on