Scotlands History

Colum Cille

Sgrìobh Adhamhnan, an naoidheamh Aba ann an Eilean Idhe, Beatha Choluim Cille - ‘Vita S. Columbae’ - timcheall air ceud bliadhna an dèidh bàs Choluim Cille.

Tha Colum Cille a' ciallachadh ‘calman na h-eaglaise’. B' e prionnsa Èireannach agus curaidh à Gartan, Dùn nan Gall a bh' ann an Colum Cille. Thàinig e bho shliochd Niall nan Naoi Bràighdean. Thathar ag ràdh gun do dh'adhbharaich Colum Cille blàr fuilteach le bhith a' dèanamh lethbhreac de leabhar gun chead. Mar dhìol airson an fheadhainn a chaill am beatha chaidh Colum Cille air fògradh, a' leantainn Ninian agus a' toirt a' Chreideimh Chriosdaidh a dh’Alba.

Ann an AD 563, stèidhich Colum Cille agus an dusan dhaoine a bha ga leantainn eaglais agus manachainn air Eilean Idhe. Cha b' e eilean beag iomallach a bha seo idir. Bha bàtaichean air a bhith a' dol ’s a' tighinn à Èirinn fada ro seo. Dà bhliadhna an dèidh seo chaidh Colum Cille a dh’Inbhir Nis, prìomh bhaile rìoghachd nan Cruithneach, a bha air a rìaghladh le Rìgh Brude. Dh’fheuch e ris an rìgh pàganach agus muinntir na rìoghachd iompachadh chun a' Chreideimh Chriosdaidh. 

Chaochail Colum Cille ann an Eilean Idhe agus tha uaigh air a comharrachadh leis a’ chloich a bhathar ag ràdh a bha e a' cleachdadh mar chluasaig. Dh’fhàs Eilean Idhe cudthromach mar àite ionnsachaidh agus taisteil, a' cuideachadh le bhith ag ath-stèidheachadh a’ Chreideimh Chriosdaidh ann an taobh an Iar Alba.

Airson gun robh Colum Cille air fhaicinn mar naomh, bha a chnàmhan nan cuimhneachan naomh. Chaidh an duslach aige a chumail ann an Taisealan Mhonymusk – ann an ciste sgeadaichte a ghiùlain arm Raibeart Brus aig Blàr Allt a' Bhonnaich. Bha a' chiste air a faicinn mar shamhla chumhachdach de nàiseantachd. 'S e Taisealan Mhonymusk a-nis aon de na h-àitean as cudthromaich ann an cruinneachadh Taigh Tasgaidh Alba ann an Dùn Èideann.


  • dealbh de Taisealan Mhonymusk

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.


Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.

Download the latest flash player
Title
Salve Splendor

Salve Splendor

Èist ri Salve Splendor, pìos ciùil bho eaglais nam meadhan-aoisean a chaidh atharrachadh airson a bhith air a chluich air clàrsach. Chaidh am pìos seo a sgrìobhadh anns a’ 14mh linn a’ moladh Choluim Chille.