English
Tha seann eaglais Chrìosdail no manachainn an Alba tric air an comharrachadh le clachan snaidhte, croisean, leacan-croise agus leacan uaighe.
Cheangail croisean àrda iongantach na h-8mh linne 's a-rithist an Earra Ghàidheal an Ìle agus an Eilean Idhe a' Chrois – samhla Crìosdalachd – ri cearcall 's dòcha a bha a' riochdachadh na grèine no na gealaich. Dh’fhaodadh na ‘croisean Ceilteach’ seo a bhith a' sealltainn seann Chrìosdalachd an Alba le samhlan bho na seann chreideamhan pàganach.
'S i Crois Ruthwell, Dum-frìs, an t-seann chrois Anglach bhon 8mh linn an tè as cudromaiche. San t-snaidheadh air Crois Ruthwell tha seallaidhean sgriobtaireil, crainn-fhìona agus rannan bhon bhàrdachd ‘The Dream of the Rood’ snaidhte ann an rùnaichean Anglach-Shagsanach agus litrichean Laideann.
Cha robh na leacan-croise cho buailteach air sgrios, le àite airson sgeadachadh mun cuairt air crois shnaidhte. Mun 9mh ’s mun 10mh linn chaidh samhlan Crìosdail a chur còmhla ri samhlan Cruithneach traidiseanta a' sealltainn atharrachaidh sa chultar Chruithneach.
'S i Clach Sueno, faisg air Farrais, an leac-croise as àirde a th' air fhàgail – mu 6.5m no 21 troigh a dh’àirde. Tha i a' sealltainn blàr gun chunntas le marcaichean, laoich, boghadairean agus naimhdean gun chinn.
Tha snaidheadh annasach den Òighe 's den Leanabh air leac-croise ann am Brechin, coltach ri dealbh bho Leabhar a' Cheannanais. Tha cruinneachaidhean lìonmhor de leacan-croise an Siorrachd Aonghais 's an Rois an Ear agus tha cruinneachadh air leth de chlachan snaidhte Crìosdail aig Seann Eaglais Sgìre Baile Ghobhainn an Glaschu.
Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.
Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.
Èist ri Crux Fidelis, a tha bhon 6mh Linn agus air a' chuich air a lyre.
Find us on