Scotlands History

Leabhar a’ Cheannanais

'S dòcha gun deach Leabhar a' Cheannanais (a bhios aig amannan air ainmeachadh mar Leabhar Choluim Chille) a chruthachadh airson comharrachadh gun robh 200 bliadhna ann bho chaochail Colum Cille. 'S e sgrìobhainn dathach a th' ann de cheithir soisgeulan an Tiomnaidh Nuaidh.

Tha e sònraichte mar ealain Ceilteach, le dealbhan brèagha toinnte de mhac an duine, ainmhidhean agus beathaichean miotasach, snaidhmean agus pàtrain ioma-lubach. Thàinig a dhathan odhar agus stuth-dhathan bhon Chuan Mheadhanach agus a chlach-chopair à Afganastan. Chaidh na dathan a chumail ri chèile le gealagain uighean agus bha iad air an cleachdadh airson an làmh-sgrìobhainn, air a dhèanamh le craiceann laoigh, a sgeadachadh.

'S dòcha gun deach an leabhar a chruthachadh gu h-iomlan no ann am pàirt le sgrìobhaichean ann an Eilean Idhe. Bha aon de na leabharlannan a bu mhotha anns an Roinn Eòrpa air Eilean Idhe ach chaidh cùl a chur ris timcheall air AD 800 an dèidh iomadh ionnsaigh bho na Lochlannaich. Sheòl manaich Eilean Idhe don iar gu Siorrachd Mhì ann an Èirinn agus thug iad leotha Leabhar a' Cheannanais gus am biodh e sàbhailte. Bha e gu math prìseil ann am manachainn ùr Choluim Chille a chaidh a stèidheachadh ann an Cill ann an AD 807.

An-diugh tha Leabhar a' Cheannanais air a thaisbeanadh ann an leabharlann Colaiste na Trianaid ann am Baile Àtha Cliath.


  • dealbh peancail de chrìosd a th' ann an leabhar a’ Cheannanais

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.