Scotlands History

Blàr Dunnichen

Air 20 An Cèitean AD 685 sheas feachd de Northumbrianaich fo rìaghladh Rìgh Ecgfrith an aghaidh nan Cruitheach a bha fo rìaghladh Bridei aig Blàr Dunnichen. Chaidh Anglaich Northumbria a sgrios.

Sgrìobh Bede Urramach mu Rìgh Ecgfrith:

…gun smuain air dè dh’fhaodadh tachairt thug e arm gu dùthaich nan Cruithneach le dùil a sgrìos… thug an nàmhaid a chreidsinn gun robh iad a' teiche, agus chaidh an rìgh a thàladh a-steach am measg bheanntan do-ruigsinneach, agus a mharbhadh còmhla ris a’ mhòr chuid den arm aige.

 Bede, Eachdraidh Eaglaiseil Muinntir Shasainn, c AD 731

Ann am meadhan na 7mh linne bha Rìoghachd Northumbria a' dol bhon Abhainn Dhubh don Humber. B' i aon de na rìoghachdan a bu chumhachdaiche ann am Breatainn, ach ro AD 685 bha Rìgh Ecgfrith Northumbria air feuchainn ri cus a dhèanamh. Nuair a ràinig an t-arm aige Siorrachd Aonghais, thug Bridei mac Beli, Rìgh Fortriu an car asta.

Ann am boglach air iadhadh le cnuic chas, ann an Dunnichen, bha curaidhean Cruithneach Bhride a' feitheamh riutha. Thug Cruithneach no dhà a chreidsinn gun robh iad a' teiche bho na Northumbrianaich. Nuair a lean Ecgfrith agus arm iad, chaidh fàth a ghabhail orra agus chaidh am marbhadh.

Chaidh stad a chur air an leudachadh a bha na h-Anglaich a' dèanamh gu tuath agus chaidh Rìoghachd nan Cruithneach a neartachadh.

'S e Gàidhlig a th' ann an Dùn Nectan. Tha e a' ciallachadh ‘dùn Nectain’ (rìgh Cruithneach). Thug na h-Anglaich Nectansmere air làrach a' bhlàir, ‘poll Nectain’. 'S e ‘Lin Garan’, Lòn na corra-ghrithich a bha aig na Cuimrich agus 's dòcha aig na Cruithnich air.

'S dòcha gur e cuimhneachan air a' bhlàr a th' anns a' cloich Chruithnich aig Obar Leamhnach faisg air Dunnichen.

  • dealbh de chraobhan ann an coille

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.