English
Ann an AD 937, thàinig trì rìghrean còmhla airson sàbaid an aghaidh Rìgh Athelstan a bha air ceann feachd à Wessex agus Mercia. B' iad sin Eòghainn I, Rìgh Shrath Chluaidh, Olaf lll Guthfrithson, Rìgh Lochannach Bhaile Ath Cliath, agus Constantin ll, Rìgh Alba.
Choinnich iad airson sabaid aig Brunanburh. Bho mhoch gu dubh lean iad a' sabaid. Chaidh còig rìghrean agus seachd iarlan a mharbhadh. Bhuannaich Athelstan.
Ann an seo mharbh rìgh Athelstan… agus a bhràthair… Edmund atheling, an nàmhaid len claidheamhan aig Brumby. Cha robh sgrìos nab u mhotha a-riamh anns an dùthaich seo.
Eachdraidh Nan Anglach Sacsanach
Tha cuid de dh’eachdraichean ag ràdh gun do dh’atharraich Blàr Brunanburh eachdraidh Shasainn. B' e seo a' chiad uair a thàinig treubhan Wessex agus Mercia còmhla airson sabaid. Nuair a bha am blàr air a bhuannachadh agus air a chall dh’fhàg Athelstan na cuirp aig na fithich dhubha, ghobach.
Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.
Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.
Èist ri eachdraidh nan Anglach-Sacsanach AD 938.
Find us on