Scotlands History

Blàr Athelstaneford

Tha beul-aithris ag innse dhuinn gun do bhuannaich ‘Aengus MacFergus’ Rìgh nan Cruithneach, le taic bho Albannaich Dhàl Riada, blàr mòr an aghaidh Rìgh Athelstane Northumbria. Bha làrach a' bhlair uirsgeulaich seo air ainmeachadh mar Athelstaneford a tha anns an àite ris an canar Lodainn an Ear an-diugh.

Thathar ag ràdh gum faca Rìgh Aengus aisling ron bhlàr far an robh Naomh Anndra a' giùlain bratach-croise. A rèir an uirsgeoil, chunnaic Aengus sgòthan geala ann an cumadh cròis le adhar gorm air an cùl, ron bhlàr.

Bhuannaich na Cruithnich agus na h-Albannaich am blàr. An dèidh sin 's e am bratach-croise – crois gheal air a tarsainn is dath gorm air a cùl – a' bhratach a bh' aig Alba, agus chaidh gabhail ri Naomh Anndra mar naomh pàtran Alba.

Tha Ionad Dualchas Bratach na h-Alba ann an Athelstaneford, faisg air Haddington ann an Lodainn an Ear, ag innse sgeulachd Rìgh Aengus agus am Blàr.


  • dealbh de cuimhneachan de bhlàr Athelstaneford

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.