English
Anns an 7mh linn, chuir Anglaich Northumbria aghaidh air tuath, a' sabaid air an t-slìghe. Fhuair iad sealbh air talamh cho fada shuas ris An Abhainn Dhubh. Bha na h-Anglaich, na Sacsanaich agus na Diutaich air a thighinn bho thìr-mòr na Roinn Eòrpa agus air ionnsaigh a thoirt air Breatainn an dèidh àm nan Ròmanach. Mean air mhean chaidh na h-Anglaich-Sacsanaich iompachadh don Chreideamh Chrìosdaidh anns an 7mh linn. Bha an duan mòr Anglach-Sacsanach leis an ainm Beowulf ag innse mu churaidh pàganach ach 's e sgrìobhaiche Crisodaidh a sgrìobh e.
Stèidhich na h-Anglaich manachainnean anns na Crìochan agus dh’iompaich iad daoine don Chreideamh Chriosdaidh. Aig Hoddam, faisg air Dùn Phris, thog na Anglianaich manachainn fhiodh le puist, caolach agus pannalan.
'S e crois mhìorbhaileach àrd, a bhuineadh do na h-Anglaich a th' ann an Crois Ruthwell ann an Dùn Phris agus Gall Ghàidhealaibh. Tha rannan bho Aisling Rood snaidhte anns a' chrois ann an seann sgrìobhadh runaichean na Beurla agus ann an Laideann. Chaidh rìoghachd Rheged a chur ri Northumbria timcheall air AD 730.
Bha dùil aig na h-Anglaich an tìr aca a leudachadh gu tuath a-steach a thìr nan Cruithneach ach chuir Blàr Dunnichen stad air sin nuair a chuir na Cruithnich. Cha deach iad na b' fhaide tuath na An Abhainn Dhubh, gus an tug na h-Anglaich Lodainn don Rìgh Albannach, Coinneach ll, agus chaidh iad air ais deas gu Northumberland.
Aig a' cheann thall 's iad na h-Anglaich a thug an t-ainm do Shasainn – tìr nan Anglach.
Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.
Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.
Èist ris an laoidh gu Naomh Neacail, air a sgrìobhadh le Naomh Godric, air a chluich air clàrsach nan Cruithneach.
Find us on