Scotlands History

Leac-chrois Cruithneach Obar Leamhnaich

Ri taobh an rathaid a tha a' dol eadar Baile Fharfair agus Breichin tha trì clachan le samhlan Cruithneach. Seo feadhainn de na samhlan a tha snaidhte anns na clachan: an nathair agus slat-v, clàr dubailte, slat-z, agus sgàthan agus cìr.

'S e leac-chrois Cruithneach ann an rèilig Obar Leamhnaich a' chlach as fheàrr a th' air a glèidheadh. Tha Crois Cheilteach le biastan eadar-thoinnte air a cùl air a dhealbh oirre.

Air cùl na leac-chrois tha pannal air a bheil dealbh de bhlàr far a bheil curaidhean Cruithneach le falt fada a' sabaid an aghaidh Northumbrianaich air a bheil clogaidean le pìos airson an sròinean a dhìon. Tha curaidhean agus marcaichean le sleaghan, claidheamhan, agus sgiathan ann, agus curaidh à Northumbria a tha a' bàsachadh agus a th' air a phiocadh le fitheach. Thathar a' smaoineachadh gur e dealbh de Bhlàr Dhunnichen a ghabh àite 10km air falbh bho Obar Leamhnaich a tha seo.


 
  • dealbh de leac-chrois Cruithneach Obar Leamhnaich

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.