English
Eadar 1905 agus 1914 chaidh prìsean suas gu mòr agus bha àireamhan t-sluaigh a' dol suas. An toiseach bha an Cogadh a' tarraing dhaoine air sgàth 's gun robh biadh agus pàigheadh cinnteach. An toiseach bha cabhag gu lèor air daoine a dhol còmhla ri Feachd Èiginn Bhreatainn. Bha 157 de chath-bhuidhnean aca agus 's e Albannaich bha ann an 22 dhiubh.
Bha 35 de chath-bhuidhnean aig an rèisimeid Na h-Albannaich Rìoghail anns a' Chiad Chogadh agus chaill iad 12,000 de dhaoine. A-mach à 10 rèisemeidean Albannach bhathar a' smaoineachadh gun chaill Alba timcheall air 100,000 duine den 745,000 duine a chaill Breatainn. B' iad sin ‘An Ginealach Caillte’.
Ann an 1918 bha daoine air creideas sna luchd-poilitigs aca a chall agus anns na bha iad ag ràdh air sgàth mar a dhroch làimhsich iad an cogadh. Nuair bha na saighdearan a' tighinn dhachaigh bhon chogadh 's e dìth obrach agus bochdainn bha a' feitheamh orra. Cha robh lorg air an talamh a bha air a ghealltainn dha na gaisgich. Ged a chaidh 200,000 de thaighean ùra a thogail, cha tàinig na planaichean a bha aca airson aon mhillean de thaighean ùra an togail gu bith.
Ged a dh'fhàs cùisean math aig àm a' chogaidh chaidh cùisean sìos gu math luath ann am malairt às dèidh 1919. Mar chumhachd eaconamaach anns an t-saoghal cha robh Breatainn tuilleadh air thoiseach. Bha cùisean dona le dìth obrach mar a bha gnìomhachasan trom a' dol gun fheum. Bhathar a' bruidhinn air ar-a-mach nuair a bha a' Bhratach Dhearg air a togail suas ann an Ceàrnag Sheòrais ann an Glaschu. Bha seo a' sealltainn gu robh atharrachadh mòr a’ tighinn air poilitigs. Ann an 1924 bha Am Pàrtaidh Làbarach a' riaghladh airson a' chiad uair ann am Breatainn.
Faigh a-mach mun Roinn Eòrpa aig àm a' Chogaidh Mhòir air an làrach-lìn aig Comunn Eachdraidh Nis.
Dol fodha na h-Iolaire - èist agus leugh mu dheidhinn an Iolaire.
Làrach-lìn aig BBC Alba a tha mar chuimhneachan air an tubaist uamhasach a thachair far chladaich Leòdhais. Faigh a-mach tuilleadh mun Iolaire agus na thachair dhi.
Ath-sgrìobhadh de agallamh le Dòmhnall 'Am Patch' Moireasdan a chaidh a thogail dhan chogadh agus a bha air an Iolaire nuair a chaidh i air na creagan.
Dealbhan agus fiosrachadh air a' chiad chogadh.
Criomag ghoirid bhidio bho ‘BBC Learning Zone’ mu mar a bha buaidh aig cuimhne mun Chogadh Mhòr air beachdan a' phobaill an aghaidh cogaidh.
Rannsaich nithean a rinneadh mar bhuinn, armachd is dhealbhan a' Chogaidh Mhòir bho chruinneachaidhean thaighean-tasgaidh an Iar-thuath na h-Alba.
Criomagan fiosrachail bhidio de naidheachdan, agallamhan, phuingean deasbaid agus fhilm thùsail mu gach nì co-cheangailte ris a' Chogadh Mhòr.
Leugh, agus èist ri, sgeulachdan fìor bho dhaoine a bha beò rè a' chogaidh. Rannsaich leabhraichean-latha, litrichean, leabhraichean-criomaig, pìosan à pàipearan-naidheachd, dealbhan, cuimhneachain agus bàrdachd air an làraich eadar-oibre seo bhon BhBC.
Thoir an cogadh nas fhaisge ort le bhith a' lorg mar a bha do theaghlach an sàs, air chuairt tro threinnse agus a' faighinn a-mach dè dhèanadh tusa, san làrach-lìn seo bho Sheanail 4.
Ionnsaich tuilleadh mun bhlàr a mhair 141 latha a tha a' riochdachadh milleadh is cùis-mhulaid sabaid a' Chogaidh Mhòir.
Lorg mar a rinneadh 'brochan an diabhail' aig Factaraidh ‘HM’. Gretna, agus mar leudaich e gu 'an fhactaraidh armachd bu mhotha air an t-saoghal'.
San t-sealladh seo air a' Chogadh Mhòr tha fiosrachadh fìor, maille ri briathran leabhraichean-latha, òrain, bàrdachd is rosg a' beachdachadh air na thachair bho 1914-1918.
Leugh eachdraidh seachd-phàirteach a' Chogaidh Mhòir bhon ‘Ghuardian’ 's bhon ‘Observer’ mu mar leudaich e 's mu mar thachair às a dhèidh. Tha earrann ann cuideachd mun ealain a chaidh a bhrosnachadh leis a' chogadh seo.
Seall ri film goirid 'The People of the Great War', a rinneadh airson crìoch a' Chogaidh Mhòir a chomharrachadh às dèidh 90 bliadhna, a' cuimhneachadh air na fir 's air na mnathan a bha beò aig an àm. Le stòrasan ionnsachaidh stèidhichte air an fhilm, notaichean clas agus ìomhaighean.
Pìosan film tùsail is criomagan ath-dhèante a' clàradh beatha sna treinnsichean agus aig aghaidh a' bhlàir.
Ionnsaich mar a chuidich boireannaich leis a' chogadh le bhith ag obair ann am factaraidhean, an Arm na Tìre agus airson nam feachdan armaichte agus mar a rinn seo e na b' fhasa do mhnathan còirichean co-ionann a dhleasadh.
Lorg mu leasachadh a' Chogaidh Mhòir tro phàipearan tùsail, phostairean agus artaigealan phàipearan-naidheachd bho thasglann oifigeil riaghaltas Bhreatainn.
Faigh eòlas mun chogadh tro shùilean seanaileir, air ceann bhlàr, seoc aig aghaidh a' bhlàir agus banaltram san ‘Ambulance Corps’ le stuthan-teagaisg is pacaidean.
Find us on