English
Chaidh an ‘Women’s Timber Corps (WTC)’ a steidheachadh ann an 1942. Bha ‘Mnathan an Fhiodha’ a' leagail chraobhan, a' dèanamh taic-shlocan (a dh’fheumaist airson nam mèinnean), a' gleusadh shàbhan, a' sealltainn às dèidh eich airson sgoinn fhiodha a shlaodadh, ag ullachadh fiodh airson phòlaichean teileagraf, cheapan rathaid is chroisean airson uaighean shaighdearan.
Chaidh an ‘Women’s Land Army (WLA)’ a stèidheachadh rè a' Chogaidh Mhòir. Sa chiad shia mìosan den Dàrna Cogadh, chaidh còrr air 30,000 fear a bha roimhe an sàs ann an àiteachas do na feachdan. Chaidh an WLA ath-chruthachadh agus ro 1943 bha 80,000 ag obair gu saor-thoileach air an fhearann air feadh Bhreatainn.
Bhiodh geansaidhean uaine, briogaisean donna agus adan donna air na ‘Caileagan Fearainn’. Dh’fheumadh iad obair gharbh a dhèanamh: treabhadh (gu tric le eich), togail bhuntàta, dràibheadh thractairean, frithealadh bheathaichean, agus marbhadh radain, uile mar phàirt de obair-seachdaine 50 uair a thìde. B' e an dreuchd dèanamh cinnteach gun robh biadh gu leòr aig an rìoghachd airson tighinn beò.
Cha deach aithne oifigeil a thoirt do obair WLA agus WTC chun na 21mh linne, nuair fhuair am beagan a bha air fhàgail bràiste urraim bhon Riaghaltas.
Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.
Or, download Adobe Flash Player to watch the video online.
Find us on