Scotlands History

Bus Shealtainn

B' e Bus Shealtainn an t-ainm a thugar air a' bhuidheann dhìomhair a chaidh a chruthachadh leis an ‘Secret Intelligence Service’ (SIS), an ‘Special Operations Executive’ (SOE) agus seirbheis fiosrachaidh cogail riaghaltas-fògairt Nirribhidh.

Bho 1941 chun a' Chèitein 1945 an toiseach bha am buidheann a' cleachdadh bhàtaichean iasgaich Lochlannach 's a-rithist shoithichean air an deagh armachadh a bhiodh a' ruagadh bhàtaichean-aigil, stèidhichte aig Scalloway, ann an Sealtainn, airson luchd-ionaid is uidheam aiseag gu Nirribhidh a bha fo smachd nan Nàsach agus airson compàirteachadh a ghleidheadh ri buidhnean strì. Air an t-slighe air ais, bha sgiobaidhean a' toirt a-mach Lochlannaich air an robh eagal gun deigheadh an cur an grèim le na Gearmailtich. Bha fiosan còdte a’ dol eatarra ann an craolaidhean bhon BhBC.

Bha a-mhòr-chuid de thursan a' gabhail àite sa gheamhradh, nuair bha na làithean goirid, gun sholais agus an Cuan a Tuath aig an ìre bu mhiosa. Bha bàtaichean air an sgeadachadh mar bhàtaichean iasgaich le dìreach gunnachan aotrom falaichte sna baraillean-èisg air an deic. Bha muinntir Shealtainn cudromach ann a bhith a' cuideachadh nan Lochlannach ag ullachadh airson an tursan sònraichte agus bha iad a’ gabhail cùram nan sgiobaidhean.

Ro chrìoch smachd nan Nàsach, thug Bus Shealtainn 192 neach-ionaid agus 383 tonna de armachd gu Nirribhidh. Thug iad 73 luchd-ionaid a-mach agus 373 fògarrach. Rinn Leif Andreas Larsen à Bergen, leis an fhar-ainm ‘Shetland Larsen’, 52 turas gu Nirribhidh 's air ais ann am bàtaichean iasgaich no ann an soithichean a bhiodh a' ruagadh bhàtaichean-aigil. B' e an t-oifigear cabhlaich bu mhotha a fhuair de shuaicheantasan san Dàrna Cogadh.


  • dealbh de Cuimhneachan Bus Shealtainn

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.