English
Tha an t-ainm ‘Seirbheis Adhair Shònraichte’ (SAS) stèidhichte – gu freagarrach – air mealladh: a thoirt tuigse don Innleachd Ghearmailtich gun robh feachd adhair aig Breatainn na bu mhotha na bha dha-rìribh aice. B' e feachd fearainn coltach ri na Commandos' a bha san SAS a bha a' daingneachadh airfeall-shireadh is sabotàis air taobh a-staigh loidhnichean nan nàmhaid. B’ e Daibhidh Stirling a smaoinich air, 's chaidh sin a chur air chois an Afraga a Tuath san Iuchar 1941.
Rugadh Stirling (1915-1990) an Siorrachd Pheairt. Chaidh e na bhall gu Freiceadan na h-Alba dìreach às an sgoil agus ann an 1939 bha e a’ trèanadh airson Beinn Everest a shreap. Nuair chadh an cogadh a ghairm roghnaich e air ball a dhol do na Commandos ùra. Tro thìde chaidh Stirling a chur a Chairo, fhuair e cead SAS a stèidheachadh mar fheachd sònraichte an Afraga a Tuath. Bha e air a bhrosnachadh le obair ‘Lawrence of Arabia’ sa Chogadh Mhòr.
Fad chòig mhìosan deug bha an SAS a' bacadh adhartasan an t-Seanaileir Rommel an Afraga a Tuath. Sgrios iad 250 pleuna naimhdeil air an talamh agus ceudan de charbadan eile, sgrios iad dusain de òtraichean stutha, agus mhill iad ceangalan rathaidean agus rèile.
San Fhaoilleach 1943, ghlac na Gearmailtich Daibhidh Stirling. An dèidh faighinn às ceithir tursan chaidh a chur gu Colditz, far an robh e gu 1945. A thuilleadh air Afraga a Tuath, bha an SAS an sàs gu mòr ann an Sisiolaigh, san Eadailt, sa Ghrèig agus san Fhraing rè an Dàrna Cogaidh.
B' e seòladair, saighdear, sgrìobhadair agus fear-poilitigs Albannach a bh' ann am Fitzroy MacIllEathain. Bhuineadh a theaghlach do Earra Ghàidheal, agus bha a cho-ogha na cheann-feadhna air na Leathanaich. Chaidh a ràdh gun robh a bheatha agus a phearsantachd inntinneach na mheadhan air Seumas Bond 007 le Iain Fleming.
Sna 1930an bha an Leathanach ag obair ann an ambasaidean Bhreatannach am Paris 's am Mosgo. Ann an 1939 chaidh e don arm agus, a-rithist, don SAS.
Tha a leabhar sgeul-bheathach ‘Eastern Approaches’ (1949) mu phàirt de na rinn e an Ruisia, maille ri gnìomhan an Afraga a Tuath is Iùgoslàibhia còmhla ri na h-Aontaobhaich. Fhuair e aithne air Josip Tito. Tha beachdan 007 ann an cuid de a chunntasan.
Às dèidh a' chogaidh, bha an Leathanach na BhP Tòraidheach gus na sguir e ann an 1974. Mhair e dlùth ri Tito, a-nis a bha na cheannard-stàite, agus sgrìobh e eachdraidh-bheatha fhèin, ‘Disputed Barricade’ ann an 1957.
Find us on