Scotlands History

Cur-fodha an ‘Royal Oak’

Rè nan ciad sheachdainean den Dàrna Cogadh, tràth air 14 Dàmhair 1939 chaidh ‘HMS Royal Oak’ a chur fodha le toirpeadan bho bhàt’-aigil Gearmailteach.

Bha ‘HMS Royal Oak’ air acair aig Scapa Flow an Arcaibh. Chaidh a toirpeadadh le bàt’-aigil Gearmailteach U-47 bho cheannas Kapitan‐Lieutenant Günther Prien. Ann am mionaidean chaidh i sìos fo na tuinn.

Bha ceudan de sheòladairean a' strì airson am beatha san fhuachd reòite le ola einnsein air feadh an àite. Thog an tràlair bheag ‘Daisy II’ 386 de fhir ’s de ghillean às an uisge.

B' e cur-fodha an ‘Royal Oak’ an call bu mhotha air gillean-seòlaidh ann an tuasaid sam bith leis a' Chabhlach Rìoghail roimhe sin no às a dhèidh. De na 833 seòladairean a chaidh a chall, b' iad gillean eadar 14 agus 18 a bh' ann an 120 dhiubh.


  • dealbh den bhàta, An Royal Oak

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.