English
Às dèidh toiseach a' chogaidh cha robh ach biadh riatanach a-mhàin a' tighinn a-steach a Bhreatainn. Chan fhaca daoine banàna gus an robh an cogadh seachad. Airson biadh a roinn gu cothromach, bhathar a' cleachdadh leabhraichean raiseanaidh bhon Fhaoilleach 1940, le bileagan airson caochladh rudan mar ìm, uighean, shiùcar, hama agus fheòil.
Bha boireannaich throm agus mnathan-glùine a' faighinn cuibhreann a bharrachd airson biadh is bainne. Bha a leabhar raiseanaidh fhèin aig gach neach a bha os cionn còig bliadhna a dh’aois. Dh’fhàs iomlaid agus malairt neo-laghail cumanta.
Dh’fheumte bileagan airson aodach cuideachd. Bha aodaichean-fighte gann agus dh’fhàs aodach feumail fasanta. Chaidh gual a raiseanadh airson connadh a shàbhaladh do ghnìomhachas, dh’fheumadh tu ionnlaid le na bu lugha de uisge, agus bha eadhon siabann air a raiseanadh.
Stèidhich Iain Raeburn (1912-2006), a rugadh an Obar Dheathain, iomairt Dig for Victory nuair bha e na cheannard air Meur Planaichean Àiteachais aig Ministrealachd a' Bhìdhe.
Aig deireadh a' chogaidh thug an t-Iarla Woolton, Ministear a' Bhìdhe, rabhadh seachad nach sguireadh raiseanadh air ball.
Is dòcha gu fàs suidheachadh a’ bhìdhe, chan ann nas fhasa, ach nas duilghe air sgàth mar a dh’fheumar biadh a thoirt do shluagh acrach na h-Eòrpa ann an cabhaig.
An t-Iarla Woolton, Ministear a’ Bhìdhe, 1944
Chaidh iomadh bliadhna seachad mus robh cùisean mar bha iad roimhe. Mhair raiseanadh gun a 1950an ach b' e biadh fallain a bh' ann am biadh a' chogaidh; cha robh bacadh a-riamh air glasraich, agus cha robh guth air ‘biadhan sgudail’.
Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.
Or, download Adobe Flash Player to watch the video online.
Find us on