English
Bha faisg air 600 prìosanach-cogaidh Eadailteach ann an Camp 60 an Arcaibh; chaidh an glacadh rè iomairt Afraga a Tuath 1942. An Arcaibh bha iad ag obair a' togail Bhacaidhean Churchill, sreath de chabhsairean saimeant a' glasadh na slighe an ear gu Scapa Flow, ionad mu thuath Cabhlach Bhreatainn.
Dh’atharraich na h-Eadailtich an campa air eilean beag Lamb Holm leis an talamh timcheall air na bothagan Nissen a mhaiseachadh, a' cruthachadh taigh-cluiche, bothag cur-seachad agus mu dheireadh caibeal.
Faisg air deireadh 1943, thugar dà bhothag Nissen do na Prìosanaich, agus le saimeant (cha roibh gainne de sin ann), seann stuthan agus mìrean, rinn iad altair còmhla, seansail còmhdaichte le bòrd-plaiste agus peanta, uinneagan de ghlainne dhathte, coinnleirean de phràis 's de iarann, agus sgàile de iarann toinnte.
Chaidh an taobh a-staigh a pheantadh gus am biodh e coltach ri breice is cloich shnaidhte, agus os cionn na h-altair bha dealbh de Mhoire Maighdeann is Leanabh. Bhathar fhathast ga chrìochnachadh nuair dh’fhalbh na Prìosanaich dhachaigh ann an 1945, ach bhon uair sin chaidh a chàradh agus bidh mòran dhaoine a’ tadhal ann a-nis.
Find us on