Scotlands History

An Dara Cogadh (1939-1945)

Bha àite mòr aig Albannaich anns a' bhuaidh a bha aig na Co-chòmhragaichean – bho Afraga a Tuath gu sabaid aig an taigh.

Fhad 's a bha Breatainn ag ullachadh airson cogadh, bha bàtaichean, gunnaichean, èinnseanan agus armachd gan dèanamh aig na gnìomhachasan troma air Abhainn Chluaidh. Sia seachdainean an dèidh dhan chogadh tòiseachadh bha chiad bhragan anns an adhar ann am Breatainn rin cluinntinn os cionn Linne Fhoirthe agus pìleatan na h-Alba a' sabaid ris an Luftwaffe.

Chaidh HMS Royal Oak - sa Chaol Arcach - agus SS Athenia a chur fodha le bàtaichean-U Gearmailteach anns a' Chaol Arcach. Chaill na ceudan am beatha.

Chaidh clann na h-Alba a ghluasad às na dachaighean agus daoine a' feitheamh ri na bomaichean. Thuit bomaichean an Luftwaffe air Bruaich Chluaidh, Glaschu, Grianaig, Dùn Èideann, Obar Dheathain agus Dùn Dè. Chaill na mìltean de shìobhailtich am beatha agus deichean de mhìltean de fhireannaich, de bhoireannaich, agus de chloinn air am fàgail gun dhachaighean.

Bha buill de àrm, nèibhidh agus feachd-adhar na Pòlainn air an suidheachadh ann an Alba. Bha iadsan a' losgadh air na bomairean Nàsach agus bha iad a'sabaid ann am Blàr Bhreatainn.

Fhad 's a bha fireannaich na h-Alba a' sabaid anns an adhar, air an talamh agus aig muir, bha Feachd Fearainn nam Ban agus clann-sgoile na h-Alba a' cuideachadh leis an arbhar agus a' togail a' bhuntàta. Bha boireannaich ag obair, anns na factaraidhean, anns an t-Seirbheis Shaor-thoileach, anns an t-Seirbheis Fearainn agus ann am Feachd Adhar Nam Ban. Bha 10,000 boireannach ag obair ann am factaraidh Rolls-Royce ann an Hillington. Bha na h-einnseanan Merlin air an dèanamh an sin, a bha a' toirt cumhachd do na ‘Spitfires’ agus na ‘Bomairean Lancastar’.

Thàinig am ‘Messerschmitt’ aig Rudolph Hess, iar-cheannard Hitler, sìos ann am Pàirc ann an Eaglesham. Thàinig e a-nuas ann am paraisiut agus ghlac tuathanach e.

'S e Albannaich a thòisich an SAS, an iomairt Cladhaich Airson Buaidh agus na h-Ionadan Fasgaidh Anderson. Bha commandothan air an trèanadh ann an Alba agus bha ullachadh ga dhèanamh airson Latha-D air tràighean na h-Alba, mar a bha Eige, Ruma, Loch Fìne, Bàgh Kentra, an Linne Mhoireach agus Arainn.


  • Image of The SS Athenia
  • Black and white photograph showing members of 453 Squadron air defence

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.

Know your allies