Scotlands History

Humbie Heinkel

Air 28 Dàmhair 1939 thachair blàr eadar luchd-adhair ‘602 Squadron’ agus an ‘Luftwaffe’ os cionn achaidhean Lodainn an Ear. Rinn ‘Flight Lieutenant Archie McKellar’ milleadh cudromach air ‘Heinkel 111’. Chaidh ‘Spitfires’ bho ‘603 Squadron’ an sàs sa bhlàr.

Laigh an ‘Heinkel’ le brag faisg air baile beag Humbie agus chaidh an ‘Humbie Henkel’ a thoirt oirre. Fhuair sgioba an ‘Heinkel’ às lem beatha, 's bha iad nam prìosanaich cogaidh.

B' i an ‘Humbie Henkel’ a' chiad phleuna naimhdeil a thugar sìos gu h-oifigeil air talamh Bhreatainn rè an Dàrna Cogaidh.

Gu mì-shealbhach, chaidh Archie McKellar a mharbhadh beagan uairean a thìde às dèidh crìoch oifigeil an Dàrna Cogaidh. Chan eil an t-ainm aige air Rolla Urraim Blàr Bhreatainn. Tha pleit mar chuimhneachan air ‘Flight Lieutenant McKellar’ ag radh gum b' e ‘Duine Sònraichte a chaidh à Cuimhne’ a bh' ann.


  • Heinkel Gearmailteach air a losgadh sìos gu talamh, 1939
  • Daoine a' coimhead air an Heinkel 111 a chaidh a losgadh sìos faisg air Humbie

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.

Blàr Bhreatainn