Scotlands History

Falmhachadh

An dèidh don chogadh a bhith air a ghairm, bha daoine an dùil gum bomaigeadh an Luftwaffe Breatainn agus gum biodh àireamh mhòr den t-sluagh nan leòintich.

Rè ciad mhìosan 1939 bha Roinn na Slàinte an Alba ag ullachadh airson falmhachadh cloinne a bha nan aonar, mhàthraichean le cloinn fo aois sgoile, daoine dall agus euslaintich bho àitean ann an cunnart. B' iad na h-àitean sin Dùn Èideann, Ros-suidhe, Glaschu, Bruach Chluaidh, Dùn-deagh, Inbhir Chèitein agus Queensferry – agus bhon Chèitean 1941, às dèidh ionnsaighean-adhair Taobh Chluaidh, Grianaig, Port Ghlaschu agus Dùn Bhreatainn.

Bha am falmhachadh saor-thoileach. Rinn feadhainn an ullachadh fhèin ach nuair thàinig an t-òrdugh aig 11.07 air 31 Lùnastal 1939 ‘Dèanaibh Falmhachadh Air Ball’, chruinnich faisg air 176,000 de chloinn, le 120,000 a' fàgail Ghlaschu ro cheann trì làithean.

Chruinnich clann aig am bun-sgoil ionadail, lem masg-gas, bruis fhiaclan, fo-aodach glan agus bileag. Choisich iad chun stèisean-rèile a b' fhaisge, airson am falmhachadh gu cinn-uidhe dhìomhair – muinntir Ghlaschu gu Siorrachd Pheairt, Ceann Tìre agus Baile Bhòid, clann Dhùn Èidinn gu na Crìochan 's chun na Gàidhealtachd.

Bha e air leth doirbh rian a chur air an luchd-falmhachaidh nuair ràinig iad agus àite-fuirich fhaighinn dhaibh. Bha cuid den chloinn ga mheas mar mhòr-thachartas, bha cuid eile ga fhaicinn mar bheatha teaghlaich a' dol bun-os-cionn. Aig an Nollaig 1939, cha robh an ionnsaigh Ghearmailteach air tachairt agus thill trì chairteal den luchd-falmhachaidh dhachaigh.


  • Ath-chruthachadh de luchd-falmhachaidh a' fàgail

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.